Skip to main content

‹‹‹ prev (113)

(115) next ›››

(114)
L 110 J
airle ma f heasgar, le òrdugli gun robh an t àrm gu teich-
eadh air ratreat moch sa' mhadainn a màireach I
Air do Thearlach a dhol a steach air tùs do shasuinn
sheachainn a mheud dheth na Sasunnaich 'sa bha'ann
an deagh rùn da aobhar comunn no còmhradh, a dh' aon
chuid, a bhi aca ris fèin no ris na Gàeil, a thaobh nach
robh iad a faicinu coltas sam bith gun tugadh feachd
(^ho lag buaidh air armailt lionmhor rìgh Deùrsa, agus
nan tarladh dhaibh a dhol san eidriginn, bha iad a
faicinn nach robh n'a b' f hearr no 'm bàs a feitheamh
orra air son an saoithreach, — ach fa-dheoigh air dhaibh a
bhi faicinn cho misneachail sa' bha na Gàeil a dol air
an aghaidh, agus fathunn a bhi dol mu'n cuairt gun
robh feachd Rìgh na Fràinge gu thighinn ann an ùin
ghearr thar chuan, dh' eirich iomadh dhiù, agus bha iad
air an turas gu feachd nan Gàel a ruidhinn an uair a
chual iad gun robh an t-àrm air teicheadh do dh-Alba.
Dh-èirich àireamh lionmhor ann a Wales, Gàeldachd
Shasuinn, chum Tearlaich a chòmhnadh, agus choisich
iad ma leth cheud mìle dh'uidhe chum a thighinn fo
'bhrataich, ach air dhaibh a' chluinntinn gun do ghabh
àrmailt an ratrcat phill iad gu lèu' dhachaigh. Is meòir
dheth an aon chraoibh na Welskh agus na Gàeil againne,
agus a thaobh cruadail, gaisge, agus misnich, is iad de
shluagh a chruinne as faisg a thèid air na Gàèil Albann-
ach anns gach euchd agus fearra-ghniomh. N'an robh
iad so agus na Fràngaich air tighinn ann an ceann an
airm Ghàelaich bhiodh eachdraidh eile ri innse ma
" Bhliadhna Thearlaich."
A thaobh nach cuala na saighdearan, no na h-oifigich
Ghàelach an òidhche sin gun b'e rùn nan uaislean
teicheadh, 'nuair a ghluais iad air fir thùs na madainn'

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence