Skip to main content

‹‹‹ prev (112)

(114) next ›››

(113)
[ 109 ]
buaidh air an robh iad an geall — ach mo thruaighe !
Is beag a bha dh' fhios aig na laochraidh threuna gun
robh an luchd-treòrachaidh de chaochla aignidh !
Air madainn a' chuigeamh latha de'n mhios chaidh
na h-uaislean do dh' ionad ar leth a chuir an comhairle
cuideachd, ciod bu chòir dhaibh a dheanamh. Thuirt
Morair Seòras Moireach agus a' chuid mhòr dheth na
h-uaislean gun robh iad am barail gum b'e gnothach bu
ghlic an armailt a theicheadh gun dàil do dh'-Alba, a
thaobh gun robh iad gu bhi air an cuartachadh le tri
armailtean laidir dheth na naimhdean ; 'nuair a rachadh
iad so cuideachd bha iad ma thuaiream 30,000 fear.
Na'm be 's gun tigeadh iad an àite buille do dh'aon de
na h-armailtean so, agus buaidh na làrach a chall, cha'n
fhaigheadh duine dhiù às le'mbheatha. Maratuiteadh
am Prionnsa fèin sa' chath, rachadh a' ghlacadh leis na
nàimhdean agus a cheann a sgaradh gun tròcair dheth
a mhuineal. Thuirt Tearlach fèin nach robh e meas
gach cunnard dhiù sin ach mar ni gun diù ; agus dh'
aslaich e gu dion air na Fineachan iad a dhol air an
aghaidh. Thuirt e gum faodadh gaoid a bhi anns an
arm-dhearg a bheireadh air cuid dhiù èiridh leis-san.
'Nuair a chunnaic Diùc Pheairt gun robh am Prionnsa
cho titheach air a dhol air aghaidh thug e aonta gum bu
chòir sin a dheanamh. 'Nuair a chunnaic Tearlach
gun robh iad gu lèir ach Dìiic Pheairt, aindeonach air a'
dhol air an aghaidh, thuirt e gum b' fhearr leis na piU-
eadh rathad Gharlisle, a dhol do Wales, ach thuirt na
h-uaislean gu lèir, gum b' fhearr dhaibh teicheadh.
'Nuair a chuala Tearlach so bha chràdh cridhe cho mòr
is nach do labhair e smid ri iosal no uasal fad chairteal
na h-uarach an deigh sin. Sgaoil an luchd-comh-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence