Skip to main content

‹‹‹ prev (111)

(113) next ›››

(112)
[ 108 ]
Cho luath sa' dh' f hàg Morair Drumuinn an Fhràing
thòisichluchd-riaghlaidh agus àrd uaislean uarioghachd
f^in le òrdugh an rìgh air togail feachd ro laidir a
bha iad gu chuir air tìr air oirthire deas Shasuinn,
chaidh dheich mile fear a chuir cruinn ann an ùin ro
ghearr a chum na criche sin, agus chaidh Prionns'
Eannraig Stiiibhart, bràthair a b' òige Thearlaich, a
thoirt à Pàrais a chum Sasuinn a ruidhiun air cheann
an airm Fhràngaich ; chaidh gach goireas a chuir ann
an deagh òrdugh a chum na còmhraig, agus ghabh an
Rìgh Fràngach a chead dheth na Prionns òg, ag ràdh
rÌ3 gu'n gabhadh e dhinnear maille ris, le sith a's sàmh-
chair ann an Lunnainn air an naoidheamh latha fichead
de mhìos mheadhonach a' gheamliraidh. 'Xuair a bha'n
cabhlach Fràngach deas gu dhol fa-sgaoil, thàinig fios
à Sasunu gun robh na Gàeil air gabhail an teichidh do
dh' Abainn. X'an robh na Gàèil air gabhail air an
aghaidh bha 'n fheachd Fhràngach, trà gu leòir ann an
Lunnainn gu còmhnadh leo ; agus a rèir gach coltais
bhiodh sliochd nan rìghrean dùthasach air an cur an
dàil an còrach le ro bheag spàirne.
Moch sa'mhadainn, air an chuigeamhlathade'n mhios,
ràinig am Prionnsa Derhie, air chath-chrith gu dhol air
aghaidh le dòchas gun tugadh an fheachd Fhràngach
coinneamh dhaibh faisg air Lunnainn. Bha 'n àrmailt gu
lèir ann an deagh mhisneach agus " mar choin air èill"
air son a bhi gha 'n cumail bho thòiseachadh air feachd
Dhiùc Uilleam; bha iad gu lèir an dùil gun robh iadgu
toiseachadh air am arm-dhearg às a's às ; agus thoisich
cuid dhiù air bleth an claidheannan anns na ceardaich-
ean, agus cuid eil air gabhail Sàcramaid Suipeir au
Tighearn' anns na h-eaglaisean, a thaobh gur h-e bàs no

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence