Skip to main content

‹‹‹ prev (104)

(106) next ›››

(105)
[ 101 J
robh an iongnadh idir na bu lugha 'nuair a chunnaic iad
gu'n robh na Gàèil cho taingeil air son gach caoimhneas
a bhasa taisbeanadh dhaibh.
Air an turas sgìth àngharach so, bha na Gàel ag èiridh
ro bhristeadh an latha, gun ghnè sam bith de theachd-
an-tir ach beagan de mhin choirc a bha na h-uile fear
ac' a giùlan air a mhuin ann am poca beag cainbe, agus
dheth nach robh iad a dh'aon chuid a' deanamh lite,
brochan, no arau, ach stàpag (no mar their cuid, fuarag)
air uisgefuar an lodain,bho thaobh an rathaid, be sin mar
bu trice bu lòn daibh, ach air uairean bha iad a faotainn
biatachd anns na taighean anns an robh iad a' cur suas
air an òidhche. Bha na Sasunnaich a' gabhail mòr iong-
nadh gu 'n robh daoine bha tighinn beò air beatha cho
suarach so ; comasach air coiseachd bho fhichead gu
deich thar fhichead mìle san latha f huar gheamhraidh,
fo mheachainn gach sion a's doirinn, le slèisnean rùiste,
agus ged do bha iad beagan uairean gach òidhche fo
f hasgath taighe, bha iad daonnan air an cois roi' ghuth
an eoin ; a' gabhail fà air solus na gealaich air deireadh
na h-òidhche.
Ràinig iad a nise baile beag margaidh ris an canair
Preston, dh' fhàilticheadh iad le rudaiginn faoilte sa'
bhaile sin : Cho luath sa dh' iundrinu iad an ceann a'
bhaile thòisich na cluig air sèirm agus dh' eirich cuid
de mhuinntir a' bhaile leo. Anns a' bhaile so thàinig
duin'-uasal dam b' ainm Mr Townley de chreideamh an
t-Sagairt fo' bhratach Thearlaich : b'e so a' chiad duin'-
uasal an Sasuinn aig a robh a bheag sam bith de chumh-
achd a dh' eirich leis. Thuirt am Prionnsa nis' gu 'n
robh e ro dheònach a dhol air aghaidh gun mliaiUe
rathad Lunnainn, gun robh e làn-chinnteach gun èireadh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence