Skip to main content

‹‹‹ prev (103)

(105) next ›››

(104)
[ 100 1
ann an Dundcagh air atharrachadh an inntinn, agus air
trèigsinn a bhi-ataich.
Chruinnich Tearlach a nise na b'aige ann an Sasuinn
dheth an armailt ri chèile, agus air dha an àireamh, cha
robh aige ach ma thuaiream 4500 fear, ruith làn mhìle
dhiu air falbh air an turas eadar Carlisle agus Dun-
èideann ; gidheadh, cha robh teagamh aig Tearlach
nach cruinnicheadh lionmhorachd dheth na Sasunnaich
fo bhrataich. Air an dara latha fichead de'n mhios
bha'n chiad chuideachd dhe'n arm air andeanamh suas
de chuig dheth na rèiseamaidean Macrach agus marc-
shluagh Eilecho, fo chomannda Mhorair Deòrsa Moir-
each, agus ghluais iad gu ruige Penrulth, baile tha ma
thuaiream da cheud ceithir-fichead a's ceithir ìnìle
dh'-uidhe air an taobh so do Lunnainn.
Air an ath latha ghluais rèiseamaideau nam Fineach-
an Gàelach gu ruige Penrith, a' fàgail ceud gu'n leth fear
ann an gearasdau Charlìsle. A chum misneach an
t-sluaigh a chumail suas bha'm Prionnsa fèin a' falbh
ri'n taobh gun each gun ghille, air dha bhi gabhail thar
sliabh aonarnach eadar Penrith agus Sap, bha e air a
theirbeirt le sgìos agus cion cadail cho mòr as gum b'eig-
inn da greim a dheanamh air crios-guaile fear dheth na
daoine, chum a chumail bho thuiteam, agus choisich e
raar so iomadh mile eadar a bhi ua chadal 's na dhùisg.
Fathast bha na bha iad a faicinn de shluagh Shasuinn
ag amharc orra le beag meas agus dù-ghrain, bha'n
èideadh agus an cainnt a sgaoileadh uabhais rompa
mar bha iad a' triall ; anns gach àite anns an robh iad
a dol a steach bha'n luchd-àitichidh a' gabhail iongantais
nacli robh iad a stad agus a spùileadh gach bùth a bha
ri taobh na slighe air an robh iad a' falbh, agus cha'u

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence