Skip to main content

‹‹‹ prev (102)

(104) next ›››

(103)
[ 09 ]
agus bha Etgh Scòras gu bhi mar cheann orra I ! Cha
robh Tearlach fèin a ghabhail a bheag a gheilt a dh-ain-
deoin na bha e cluinntinn a bha cruinneachadh na agh-
aidh, cha chreideadh e nach tugadh na Gàeil buaidh le
còmhnadh nan daoine bha e'n dùil a dh'èireadh leis
ann an Sasuinn fein, maille ris an f heachd laidir ris an
robh dùil aige thighinn ga ionnsaidh gach làtha as an
Fhràing.
Beagau lathaichean an deigh dhaibh Carlisle a
ghlacadh, chuir am Prionnsa agus cinn-feaghna nam
tìnneachan an comhairle cuideachd, ciod bu chòir a
dheanamh. Thuirt cuid gu'm bu chòir dhaibh an
Caisteal-Nagha a ruidhinn agus latha catha f heuchainn
ri feachd Mharasgail Bhade ; thuirt cuid eile, gum
b' f hearr dhaibh triall do Lunnainn rathad Shioramachd
Lanca agus latha blàir a chumail ris an fheachd lion-
mhoir a bh'air cruinneachadh 'nan aghaidh ann an
Siorramachd Staffoird: thuirt an treas luchd-comhairle
gum b' fhearr dhaibh piUeadh air an ais do dh-Alba,
'thaobh nach robh iad a faicinn coltas sa'm bith air gun
eireadh feachd a b' fhiù 'uan aobhar ann an Sasuinn,
agus nach mò bha choltas air gun tigeadh cobhair do'u
ionnsaidh as an Fhràing.
Mu'n deach' am Prionns' n'a b' fhaid' air aghaidh
chuir e Mac-Lachuinn ceann-cinnidh Chlann-Lachuinn
air ais do dh'-Alba le litir gu Tighearna Shrath-Ailein
ard-cheannard nafeachd ann an Albainn a' dh' iarraidh
air na chruinnich e de dhaoine 'chuir air falbh gun stad
gus an ruigeadh iad a' mhòr-fheachd ann an Sasuinn.
Mu'nàm so f huair am Prionnsa naigheachd a Albainn,
a thug dha fìor bheag misnich ; bha mòran sluaigh a
bh'air èirich leis anu an Dunèideann, am Peairt, agus

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence