Skip to main content

‹‹‹ prev (105)

(107) next ›››

(106)
[
102
pailteas dhaoine leis anns gach ceum de 'n t-slighc
mar bhiodh e triall. Thuirt e mar an cianda gun robh
c cinnteach gun tigeadh feachd lionmhor na chomhail
as an Fhràing mu'n rachadh e n'ab' fhaide air aghaidh.
Mar so cho-eignich e na cinn-feadhna gu dhol air an
adhart ged nach robh bheag a dhòchas aig cuid aca
airbuaidh a'chosnadh. Aig anàmso ghlac lag-mhisneach
cuid dheth na daoine, air dhaibh cuimhneachadh air an
drid-fhortan a thàinig an caramh nan Gàel ann am
Preston bliadhna Sliabh an t-Siorraim 1715, agusthuirt
cuid aca gun robh eagal orra nach rachadh iad gu bràch
n'a b' fhaid' air an aghaidh. A chum bristeadh air
na geasan sin, chaidh Morair Seòras Moireach thar
Abhainn Bihhle le àireamh lionmhor dheth an f heachd,
agus thug e orra an cairtealan òidhche a chuir suas ann
an sin.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence