Skip to main content

‹‹‹ prev (442)

(444) next ›››

(443)
CARAID NAN GAIDHEAL. 385
's ann an BÌn a blia'n otliail : Marsali mhòr agus
na buanaichean a bha leatha cho aoibhinn aigh-
earach, 's ged nach biodh iad ach a' dol do'n choille
chnò. Cò 'bha 'm broiUeach na cuideachd ach Pàra
mòr le 'eile-beag 's le 'bhoineid, mar a b' àbhaist
da — cuaille de bhata daraich 'n a làimh — màileidde
bhian gaibhre air a dhruim. Fàilt' ort, 'Fhionnlaidh
Phlobaire, ars' esan, gu-m meal thu do bhrigis. Ma
ta, arsa mise, tubaist oirre — 's i so a' cheud uair a
chuir mi orm i; na-m fuir'eadh i shuas cha bu
ghearan e; ach tha mi cheana cho sgìth dh'i 's a bha
dà bhhadhnach eich de'n ghad, a' cheud oidhch' a
chuireadh air e. A mach ghabh sinn 'an coinn-
eamh soitheach na smùide, a' Mhaighdean-Mhorairn-
each, mar a their iad rithe. Bha i 'teannadh oirnn o
Mhuile, a cur nan smìiid d'i. Tha i so a' tighinn,
arsa Pàra mòr, an aigeannach mhaol ghrànda, le
'gleadhraich, 's le 'h-ùpraid ; cha b' ìoghnadh leam
ach a' Mhaighdean a ràdh rithe ; b'i sin a'^ Mhaigh-
dean gun mhodh, gun eisimeil. Tharruing i oirun, le
caoiribh bàna fo 'sròin — a' slachdraich, agus a' slois-
readh na fairge foipe, 'bha 'g èiridh 'n a h-iomairean
bàna còbhragaich a nunn gu h-Aros. Thàinig i
'nuas oirnn a' bagradh ar smàladh fo 'cuibhleachan.
Fa dheireadh stad a' bhèist — 'us cha luaith' a stad
na cuibhleachan o 'dhol mu 'n cuairt, na 'thug feadan
fada caol, a bha suas ri taobh an t-simileir mhòir,
aon ràn as a shaoil mi 'sgàineadh mo cheann. 'S ann
an sinn a bha 'n ùinich 's an othail 'an dol ri cliath-
aich na Luinge, a h-uile beul 's a' bhàta fosgailte
's an aon àm — gun urram fear d'a chèile. Ma 's
i Marsali mhòr thug i 'mach a' Bheurla sìn nach do
chleachd i o 'n a bha i 'n uraidh air a' Ghalldachd ;
cò ach ise — bha 'Bheurla 's a' GhàeHc 'am measg a
chèile. Dean fodha, ars' an dara h-aon, nach iomair
3 c

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence