Skip to main content

‹‹‹ prev (443)

(445) next ›››

(444)
380 CARAID NAN GAIDHEAL.
thu, a mhic do mhàthar, ars' an t-aon eile : a stigli
an ràmh bràghad shuas, buille 'g a deireadh shìos :
Cani, cani 'illean, arsa Marsali mhòr — gu rèidh, ars'
a h-uile h-aon. Mur bhith mo nàire, 's mar a bha
mi ceangailte 's a' bhrigis, bha mi 'mach a shnàmh
gu tìr. Fa dheireadh thàinig ball cainbe le fead mu'r
chiasaibh, agus ghlaodh gach neach, Cum air gu
gramail, 'lain Bhàin. Thug a' Gheòla aon sàth-
adh aisd' a nunn gu taobh na Luinge, agus shaoil
leam gu-n robh sinn thairis. Fhuair mi 'suas, ach
cha-n f hios domh cionnas ; 'us cha mhò bha 'f hios
agam c'àit' an tionnda'inn.
Tha thu 'n sin 'Fhionnlaidh, arsa Pàra mòr, mar
bhò mhaoil 'am buaiHdh choimhich. Thig leam a
dh' amharc mionach na Maighdein so fhèin, a dh'-
fheuchainn an tuig sinn mar tha 'bheairt innleachd-
ach ag iomairt. Ach, ma chaidh, 's ann an sin, a
Mhàiri, a bha 'm fire, faire ! — Sailthean iaruinn agus
slatan a' gluasad a nunn agus a nall, a sìos agus a
suas, air an ais 's air an adhart, gun tàmh, gun stad ;
cnagan agus gòbhlan agus eagan a' freagairt d'a
chèile, Cuibhleachan beaga 'n an deann-ruith mu
na cuibhleachan mòra. Duine truagh shìos 'am
measg na h-acf huinn, a' cur na smùid deth, far nach
saoileadh tu am b'urrainn do luch dol gun a miUeadh ;
ach bha esan a' gluasad air feadh na h-ùpraid, cho
neo-sgàthach 's a rachadh Pàra mòr no mise 'am
measg nan caorach ; ag armadh gach acf huinn,
achlais, udalain, agus feadain le h-olaidh agus le
h-ìm. — A dhuine thruaigh, arsa Pàra mòr, 's ann
agam nach 'eil sùil ri d' àite ; is daor a tha thu 'cos-
nadh d'arain. C'ar son ars' esan? 's e 'tionndadh
'suas a shùl a bha 'snamh ann am fallus. Ged a
labhradh a' ghèimhleag iaruinn a bha 'u a laimli,
cha b' urrainn duinn barrachd ìoghnaidh a bhi oirnn

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence