Skip to main content

‹‹‹ prev (441)

(443) next ›››

(442)
384 CAEAID NAN GAIDHEAL.
Tha daoine 'togail carragh-cuimhne do dliaoin'
ainmeil, do dhaoin' a dli' amais air innleachdan feum-
ail, do 'n aos-dàna so agus do'n aos-dàn' ud eile, ach
cò 'n am measg uile a thoill carragh-cuimhne na's
fèarr na esan? Ach cha dì-chuimhnichear e; tha
h-uile tigh-sgoile 'bha e 'n a mheadhon air a chur
air bonn. agus a h-uile sgoilear a fhuair fòghhara
annta 'n an carragh-cuimhne air an duine bheann-
aichte so.
Na-m biodh na Gàidheil beairteach, mar 'tha iad
gu truagh, bochd, thogadh iad carragh-cuimhne air a
shon ; agus c'àit' am bheil an Gàiclheal air uachdar
an t-saoghail nach cuireadh clach 'n a chàrn ? Ach
tha 'chuimhne 'n àite 's fòarr ! " Chuala mi guth o
nèamh ag ràdh rium sgrìobh, 'S beannaichte na
mairbh a gheibh bàs 's an Tighearn' à so a mach.
Seadh, tha an Spiorad agràdh, chum gu-m faigh iad
fois o'n saothair; agus leanaidh an oibre iad."
LITIR O FHIONNLADH PIOBAIRE G'A MHNAOI.
A Mhàiri, a Ghràidh,
IS bliadhna leam gach h\ o 'n a dhealaich mi riut
fhèin agus ris na pàisdean. Tha mi 'n tràs' ann
an Glascho mòr nan sùopall^ baile na gleadhraich. !
nach robh mi aon uair eil' a' m' shìneadh air bruach
na h-aibhne far nach ckiinninn ach torman nan allt,
bàirich nam bò, agus ceilearadh nan eun. Tha mi
'nis, mar a gheall mi, 'dol a dh' innseadh dhuit mar
fhuair mi a mach.
Tha cuimhn' agad fhèin raar a dheahxich sinn.
Thog rai orm le bocsa na pìoba gu beul a' chaolais;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence