Skip to main content

‹‹‹ prev (421)

(423) next ›››

(422)
364 CARAID NAN GAIDHEAL.
(llià balbh. Na litrìchean a th'air an gearradh air a'
chloich a's buaine, no aìr an deargadh le peann
iaruinn air a' chreig a's maireannaiche, ann an Knn
no dhà cha bhi ann an comas nan sùl a's gèire a
leughadh : tuitidh an leac 'n a smùr, agus fàilnichidh
a' chreag fèin ; ach cliù, agus ainm nan naomh a
chaoidh cha chaochail.
'N an luidhe 's a' chladh so, 's cinnteach mi gu-ni
bheil iomadh aon a bha suarach m'a chèile f had 's
a bha iad beò — seadh, a' co-strì 's a' cath 'an agh-
aidh a chèile — Cinn-fheadhna threuna, le'n ceathar-
naich ghaisgeil, a sheas air an aon bhlàr-catha,
agus theagamh a thuìt le claidheamh nan ceart
daoine 'tha 'nis 'n an kùdhe 's an ùir r'an taobh.
'S i so gu deimhin, thubhairt mi," Tlr nadì-chuimhn' "
far nach 'eil othail no strì. Ma bha leapaichean na
h-uaighe riamh tosdach, sàmhach, 's ann 'an uaig-
neas f àsail I Chaluim Chille !
" Tha lag 'us làidir, beag 'us mòr,
Co-shìnte 'n so le 'chèil' ;
Tha naimhdean sàmhach taobh ri taobh,
'Us luchd na co-strì rèidh.
" Co-ionann caidlidh iad air fad
Fo ghkisaibh teann a' bliàis,
Gu 'n uair an gairmear iad le Dia,
'N a fhianuis latha 'bhràth."
Bho cheann iomadh Hnn bha 'n t-Eilean ainmeil
so, far an robh a' cho-lìon duine naomh agus diadhair
urramaichte, agus a cho-pàirtich sokis an t-Soisgeil
do dhùthchaibh agus do rìoghachdaibh eile, air
'fhàgail e fhèin gun eaglais, gun fhear-teagaisg
suidhichte, no aoradh follaiseach ; ged a tha àireamh
mòr sluaigh a chòmhnuidh ann. Bu chianail an
t-atharrachadh so do I, agus bu neo-chhùiteach e
r'a aithris; ach tha hnn a's fòarr a' teachd mu-n

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence