Skip to main content

‹‹‹ prev (422)

(424) next ›››

(423)
CARAID NAN GAIDHEAL. 365
cuali't. Tha e air 'innseadh gu-n dubhairt Calum
Ciile, tamull beag mu-n do chaochail e : —
" I mo chridhe, I mo ghràidh,
'An àit' guth Manaich bi'dh geum bà;
Ach mu-n tig an saogh'l gu crìch
Bi'dh I mar a bha."
Thàinig a' cheud chuid de'n fhàidheadaireachd gu
h-eagnaidh mu-n cuairt ; ach cò dhiubh a bhios i gu
bràth cho urramaichte 's a bha i, tha e deacair a
ràdh. Ann an iomadh atharrachadh an t-saoghail
chaochlaidich so, cò 's urrainn 'innseadh ciod a dh'-
fhaodas tachairt? Ach ged nach 'eil e ro choltach
gu-m bi I gu bràth mar a bha i ri linn Chaluim
Chille, gidheadh, is sòlasach r'a thoirt fainear gu-m
bheil, 's a' cheart àm so (1828), eaglais a rithist
'g a togail ann an I, agus 'an ùine ghèarr gu-m bi
ÌSleacli ann ris an canar, Ministeir I Chaluim ChiUe !
'S e durachd m' -anama gu-m bi esan, agus gach
aon a tha 'saoithreachadh 's an obair cheudna, anns
na cèarnaibh gràdhach sin, 'n an spiorad agus 'n an
giùlan cosmhuil ris-san air an d' ainmicheadh an
t-Eilean so — air an hisadh le gràdh do Dhia, dìleas
do Chriosd, agus dùrachdach air son maith anaman.
Nach mòr an t-aobhar taing a th'againn leis an obair
bheannaicht' a tha 'nis a' dol air a h-aghaidh 's a'
Ghàidhealtachd agus 'an Eileinibh na h-Alba ? Cha-n
'eil gleann tìorail, no innis uaigneach, anns nach bi
fuarain fhionnar a dh'uisge beò air am fosgladh.
Air a shon so ni ara fàsach gàirdeachas, agus bithidk
lìonmhoireachd nan eiiean ait.
" Canaibh do 'n Tigheam òran nuadh :
Air 'ainm biodh luaidh 's gach càit' ;
Feadh muir, 'us tìr, 'us innse cian.
Biodh moladh Dhia gu bràth.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence