Skip to main content

‹‹‹ prev (420)

(422) next ›››

(421)
CARAID NAN GAIDHEAL. 363
sochairean eòlais, agus beannachdan na saorsa, Cha
bu chomasach, ged a dh'fheuchtadh ris, an inntinn
a thogail o na smaointean a dhìiisg an t-àite so, agus
b'amaideach an oidhirp, ged a bhiodh e comasach.
Ge b' e ni a thàirngeas sinn air falbh o chumhachd
ar ceud-fàithean ; ge 'b e ni a bheir do na shiubhail o
chian, no do natha fathastritachairt, làmh-an-uachdar
air na tha 'làthair, tha so ag àrdachadh ar n-inbhe
mar bhithean tuigseach. Gu ma fada uam-sa, agus o
m' chàirdean, an f heallsanachd reòta sin a dh' aomadh
mi gu gluasad gu caoin-shuarach, eutrom, thar aon
àit' a dh' f hàgadh urramaichte le ghocas, le fearalas,
no le maise. Cha chulaidh fharmaid an duine sin
nach mothaicheadh a ghràdh d'a dhùthaich air a
neartachadh air blàr-catha Mharatoin,no a chràbhadh
a' blàthachadh 'am measg làraichean briste I Chal-
iiim ChiUe." Agus cò esan a bha riamh 's an àite
so, agus aig an robh cridhe, nach do mhothaich so?
Tha 'chuid a's mò de na leacan a nis gu dearbh air
am folach fo 'n ùir ; ach tha gu leòir fhathast r'am
faicinn gu gliocas a tharruing uatha. Chì sinn an
oidhirp a thug daoin' uaibhreach gus an ainm a
chumail air chuimhne ; ach mo thruaighe ! cha-n ì
'n eachdraidh a tha air a gearradh air leac-lighe a
choisneas an cHìi nach tèid as, no a dh' fhàgas an
t-ainm neo-bhàsmhor — 's iad na h-ionracain a mhàin
a chumar 'an cuimhne shiorruìdh. ladsan aig am
bheil an ainm sgrìobhta air nèamh — is coma c'àit'
an càirear cuirp nan daoine sin, cò dhiubh is i 'n
leac-lighe rìomhach, no fòid gorm a chuirear thairis
orra: faodaidh daoine an dì-chuimhneachadh, ach
bithidh iad ann an cuimhne shiorruidh fa chomhair
Dhè. 'S e so a choisneas an cliù nach searg. Cha-n
'eil gach cuimhne thalmhaidh ach gèarr: bithidh
gach teangadh a hiaidheas ar chù ann an latha no

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence