Skip to main content

‹‹‹ prev (373)

(375) next ›››

(374)
316 CAEAID NAN GAIDHEAL.
dh'Innse-Gall, an cuan mòr le 'chaoil 's le 'luìngeas,
agiis a' ghrian ghlòrmhor l'hein a' teurneadh o àirde
nan speiir ann an àilleachd an f heasgair.
Cha robh eilean eadar Caol-Ile mn dheas, agus
an Caol-Sgiathanach mu thuath ; cha robli shabh
eadar Beinn-an-òir 'an Diìira, agus a' Chul'inn ann
an Eilean-a'-Cheò, nach robh ffu soiUeir a' m'
bheachd. Bha Muile dorcha, le 'chaol-mara mar
abhuinn àluinn ag iadhadh mu-n cuairt da, dìreach
fo m' shùil. Bha I nan Deòraidh le 'làraichibh
briste, ann an uaigneas sàmhach r'a thaic; Staffa
ainmeil le uamh' nan tonn mar dhùradan beag a
mach air an f hairge ; Tirithe ìosal an eòrna — Cola
creagach — Eig, le 'Sgùr ri speur; 's an t-Eilean
Sgiathanach, ban-rìgh an iomlain ; agus a mach air
an cùl gu lèìr, ann an iomall na rìoghachd, an
t-Eilean Fada mar mhìle sgeir, ag èiridh air aghaidh
a' chuain, smùid ghùlrdeachais ag èiridh o gach aon
diubh, 'n uair 'bha 'ghrian a' siubhal seachad os an
ceann, 'g am fàgail mlle de mhìltibh 'n a dèigh. Bu
dìomhain oidhirp a thoirt air a' choi'-hon smaoint a
bha tarbhach, a dhùisg suas leis an t-sealladh so.
Air a' leithid so a dh'ùm cha ruigear a leas an inntinn
a chumail fo smachd. Bu shona a bhiodh daoine
na-n gitilaineadh iad, 'am measg ùinich agus othail
na beatha so, càileigin de'n aigne mhaith sin, a tha
uaigneas agus sàmhchair a shamhuil so de dh'àit' a'
tàrmachadh. Oir, gu cinnteach, mar is mò a thàirng-
eas sinn air falbh o 'iorghuill an t-saoghail so, 's
ann is mò a ruigeas sinn air an f honn spioradail sin,
trid am bheil an t-anam air a chur air ghleus gu
co-chomunn àrd a chumail r'ar n-Athair nèamhaidh.
Na-m bu mhaith leinn blasad de'n aoibhneas so, cha
bu neo-iomchuidh dhuinn air uairibh comunn an
t-saoghail so 'fhàgail, agus a ràdh ris gach imcheist

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence