Skip to main content

‹‹‹ prev (374)

(376) next ›››

(375)
CARAID NAN GAIDHEAL. 317
bhuaireasaich a bhuineas dha, mar thubhairt Abra-
ham r'a òganaich, Fanaibhse 'an so, agus thèid mise
suas a thairgseadh na h-lobairt.
Bha 'ghrian a'teurneadh gu luath ; bha dath an
òir air 'aghaidh nan speur; bha a leadan àilHdh
cheana 's a' chuan, agus an fhairge, mar gu-m b'
ann, a' dùnadh mu-n cuairt dh'i. Is blasd' a' chainnt
a chleachd Bàrd na dùthcha so f hèin, 'n uair a bha'n
sealladh so aige, ma dh' fhaoidte, o 'n mhullach
cheudna, mar a chì sinn ann an " Dàn Oisein do'n
Ghrèin 'an àm luidhe." Ach bu dall sinne mur
gabhamaid beachd a b' àird' air an t-sealladh so na
dh 'fhaodadh esan 'fhòghlum o thuigse nàduir. An
neach nach mothaicheadh o'n t-sealladh so, glòir an
Tì naoimh a chruthaich a' ghrian, agus a sgeadaich
an saoghal le 'uile àilleachd, bu bhochd, gu dearbh,
a chor, agus cha chulaidh fharmaid a chridhe ; oir,
gu deimhin, bu ghlòrmhor an taisbeanadh a bha'n
so air cumhachd agus maitheas Dhè. A bhi 'moth-
achadh do'n ghàirdein threun sin air am bheil an
domhan crochta, a' fosgladh air an dara làimh dhiom
dorsan na h-oidhche do'n ghrèin, 'g a cur a mach a
shoillseachadh taobh eile 'n t-saoghail, 's a dhùsgadh
nam mìltean as an suain ; 's a bhi 'faicinn a' ghàirdein
cheudna a' togail na geaLaich dhuinne 'n a h-àite,
an robh e comasach gun èigheach a mach, Is glòr-
mhor thusa, 'Dhè uile-bheannaichte ! tha nèamh
agus talamh làn de d' ghlòir, a Thighearna nam
feart; tha thu 'toirt dhuinne gach beannachd 'n a
thràth, agus cha-n 'eil thu, air àm sam bith, 'g ar
fàgail fo an-dòchas no dìth !
Chaidh a' ghrian fodha, agus shaoileadh tu gu-n
robh an saoghal a' caoidh : bha'n drùchd trom, mar
dheòir na oidhche 'n a dèigh, a' braonadh gu làr.
Dh' fhalbh a' ghrian, ach bha fhathast àirde nan

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence