Skip to main content

‹‹‹ prev (76)

(78) next ›››

(77)
EACIIDHAIDII lOSEIPH. 73
do cliiont eile. Clium an gnìomh nàrach a chleth
agus gu chumail o m' tharruing gu ceartas,
dh'èirich mi air bàini, thug mi lamh air mo
chlaidheamh, agus chuir mi na chridhe e, mun
robh ùin' aige smaointeachadh air an eas-urram
a chuireadh air. Co luath 's a rinn mi 'n
gniomh an-iochdmhor ud, theich mi gu grad
chum mo sheòmair fein. Anns an treas faire
de 'n oidhche, bha mi fo ìoghnadh le solus
dealrach a shoillsich gach oisinn de m' sheomar.
Leis mar nach bu ghnà leam a leithid 'f haicinn,
ghlac eagal mòr mi, sheas m' fhalt air mo
cheann, agus bha duaichneachd mo chionta
gu soilleir fa m' chomhair. — Dh'fhàs an solus
ni bu shoilleire, agus chunnaic mi Osmin air a
sgeadachadh ann an èideadh nèamhaidh, na
sheasamh ri taobh mo leapach, agus thuirt e
mar so rium. " A dhuine thruaigh, a Labona,
am bi do làmh mhi-chneasta am feasda sgìth le
fuil neo-chiontach a dhòrtadh ? Nach bu leòir
leat gu'n do mheall thu m' oighreachdsa le mi
fein a mhortadh ; ach b' èiginn duit bean do
choimhearsnaich a thruailleadh ? Agus cha
d'fhoghainn leat gu'n do chuir thu eas-urram
air fein, agus a bhean a mhì mhodhachadh, ach,
mar shloightire fuileachdach, spàrr thu do
chlaidheamh na f huil neo-chiontaich ? Nach
'eil eagal an Dè mhòir ort, air am beag ana-
cothrom agus foirneart, agus nach feud aon
mhortfhear neo-aithreachail còmhnuidh a ghabh-
ail maiUe ris ? Nach f heud thu fois a ghabh-
ail strògh agus o mhacnus, gu smuain-
each' air a chunntas theann gus an èiginn duit
an ùine ghearr teachd ? Am fearr leat sior-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence