Skip to main content

‹‹‹ prev (75)

(77) next ›››

(76)
72 EACHDRAIDH lOSEIPH.
lonnas ge b'e co neo-chotliromach 'sa tha bìnn
Pharaoih a'm' aghaidh, tha breth nan dèe ceart.
Is Libianach mi a thaobh breith. Dh'fhàg
Obed m' athair, oighreachd mhòr eadar mis
agus mo bhràthair bu shine. Bha Osmin, mo
bhràthair, gu glic caonndach, leis an do mheud-
aich e gu mòr a mhaoin, a ghlèidh dha meas o
na h-uaislibh, agus urram o'n cheathairne.
Air mo shon fein, cha robh mo dheigh air aon
ni ach toileachas-inntinn ; agus b' iadsan bu
mhi-bheusaiche bu dearbh-chompanaich leam.
Leis an dòigh sin struigh mi mo mhaoin, agus
ghuidh mi gu'm biodh mo bhràthair spìocach as
an rathad, chum gu'n sealbhaichinn fein 'oigh-
reachd. Bu mhath leam gu'n tigeadh sgiorradh
air chum snàthain a bheatha a ghearradh ; ach
b' fhada bha mi mun da dhùraig mi fein a
dheanamh. Ach fa dheireadh, le comhairle
droch bhorionnaich, thug mi dhà deoch mharbh-
tach a thruaill a chuid fala co mòr 's gu'n d'èug
e. Grhabh mis an sin seilbh air 'oighreachd, do
bhrì gur mi a b' oighre air. Bhuilich mi
tamull a' mealltuinn toradh saothair mo bhràthar,
agus m' eas-ionracas fein, 'nuair a thainig mi
gu mi-f hortanach gu bhi ciontach do ni a thug
orm an t-iomlan fhàgail, agus teicheadh chum
tearuinteachd do thir aineoil.
Air dhomh bhi mòr aig bean duine chumh-
achdaich sa choimhearsnachd, bha do sgiorradh
orm gu'n d'f huirich mi ni b' JPhaide na bu ghnà
leam leatha, a chionn nach robh dùil aice gu'n
tigeadh a fear dhachaidh, ach ciod a b' ìoghna
leinn na e thiginn far an robh sinn gun fhios
duinn. Mo thruaighe I cia daimheil aon chionta

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence