Skip to main content

‹‹‹ prev (77)

(79) next ›››

(78)
74 EACHDRAIDH lOSEIPH.
ruidheachd de chràdh do-labhairt fhulang, na
do mhi-bheus a thrèigsinn ? Is bochd an rogh-
ainn a thog thu, a Labona, ach is soilleir gur e
sin do roghainn-se. Eirich a dhuine thruaigh
chiontaich, agus tàr as do thir aineoil, far nach
ruig dioghaltas duine ort; ach cuimhnich gu'n
lean dioghaltas Dè thu do'n ionad sin, agus
bheir e gu peanas follaiseach thu, araon anns a
bheatha so agus anns an ath-bheatha, mar gabh
thu aithreachas, agus mar trèig thu do dhroch
dheanadais/' Le so a ràdh, dh'f hàg an tannasg
mi ; agus co luath sa thraoigh m' eagal, chruin-
nich mi m' airgiod agus mo sheudan r'a cheile,
agus ghrad thainig mi do 'n Eiphit; far an
deachaidh mi tre ioma deuchainn, mun d'thainig
mi chum na h-inbh a bh' agam. Bha mi tuille
's fada gun fhaicinn, gu'n glèidh onoir agus
ionracas iadsan a bhios air an stiùradh leo ; agus
cia air bith co taitneach 'sa bhios toileacha mi-
cheadaichte san àm, 'se is deireadh dhoibh bhi
searbh mar dhomblas."
Gru moch air an treas là thainig carbad chum
a phriosain, anns an robh seann duine eireachd-
ail, a bha 'f halt liath na dhualaibh cleachdach air
a ghuaillnibh ; thainig e le òrdugh sònruichte
chum Elorilo a shocrachadh san dreuchd bu
ghnà leis. Bha maille ris an t-seann duine
urramach so, ban-tighearn' òg a thug cridhe
loseiph am bruid air a cheud seailadh. 'Si
bh'ann a mhaighdean àillidh, Asenat, aon
nighean prionnsa Oin, a bha fòs na àrd-shagart
ann an Helipolis. Kinn màldachd a gnùise
còmhnadh ri maise a pearsadh a chur a mach.
t^ha a £p:uaidhean mar chaorann làn abaich,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence