Skip to main content

‹‹‹ prev (244)

(246) next ›››

(245)
Bidh sgrios do-shasach le sguaib lair
A chaoidh 'm bun sail' ur naimhdean.
Ri leanailt ruaig mar ghaoith bho thuath,
No seabhag, lualhs nam feil'-fhear;
Nach leig as bhuatha Frangich luaineach,
No cas luath nan Coillteach ;
A dh' f hogras ruadh-mhad' Fraing gu tuath,
'Eheir sith-shaimh shuas a bheinn daibh ;
'S le giulan suairc a bheir orr' buaidh
A chaomhnas luaidh' a chaoidh dhuinn.
'N sin gabhidh craobh na sith' le freumh
Teann ghreim de 'n doimhne thalmhuinn,
Is sinidh geugan gu ruig neamh,
Gach aird le seimh-mheas 's geal-bhlath.
Bidh ceileir eibhinn eun 'na meanglain,
'S daoin' le 'n cloinn a' sealbh'chadh
Toridh 's saoth'r an lamh gun mhaoim
Fo dhubhar caomh a dearbh sgail.
Gach gleann ni eibhneas, 's maoth bhlath eiridh
Air gach beinn 'bha fasail ;
Bidh daoin' is spreidh 's tuath iteach speur
Ri mireig 's seirm luath-ghairich,
Thig pailteas, saorsa, gradh, is aoidheachd
Am measg dhaoine 'dh-aiteach ;
Bheir sith do 'n ghrein teas, lonnrachd, 's gleus,
'S do chomh-sheirm neimh luath's nadair.
Air faighinn sith 's gach math 'thig dh'i,
Is ceannachd 's tir mar b' abhist
Mu Ohio riomhaich nan lub lionmhor,
Thig sibh a ris gu 'r n-aros ;
Thar cuan le piob-cheol subhach, grinn,
'S le caithream binn 'n 'ur cabhlach ;
Bidh maighdnean riomhach mar' 'nam miltibh,
'S eisg mu 'r piob a dannsa.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence