Skip to main content

‹‹‹ prev (243)

(245) next ›››

(244)
A' guidh' an didean o 'n luchd mi-ruin
Eignich, milltidh, 's craidhidh,
A chreach an tir, a mharbh an dillsean.
An gradh, am fir, 's am braithrean.
Ma 's og-laoich sibhse a thug gaol,
Their oighean caomh' na h-ailleachd,
Bithibh treubhach 's buidhnibh saors'
Do mhnathibh 's chloinn bhur cairdean.
Bheir buaidh air Coilltich 's F'raing na foill*
Do ribhinn mhaoth nam ban l>has, —
Ma 's fios do mhaighdinnibh run maighdinn', —
Leibh gu 'n aom gun ain-deoin.
Ma 's aill leibh cliu dhuibh fein 's dha 'r duthich,
'S gloir mar chumh' neo-bhasmhoir,
Ruaigibh 's sgiursaibh null gach Muisi
'Leum thar sruth Naomh Labhrinn ;
Gu deas o 'bhruaich na fagil)h cluain,
Bho 'cheann gu cuan aig Frangach,
No 'n ear o Mhisipi na cuairt
Gu muir an luailteach cabhlach.
'S tearint' dochas 'chur 'sna leogh'nibh
'Chleachd o 'n oig' an cruadal,
'Bhi meas'ra, crodha, air bheag loin,
A siubhal mointich 's f huar bheann ;
'Bhi luthar seolt' air marbhadh eoin,
Air feachd, air thoir, 's an tuasaid,
Air chlaigne 'stroiceadh 'n cuis na corach,
'Casgadh morchuis uailihrich.
'S cuimseach sealgairean nan garbh-chrioch
'N am na dararich theinntich ;
Ni iad call le 'm peilair tairnich
Ge b' e ball ri 'n caog iad.
Ri rusgadh lann 's ard sgreadrich chnamh
Bidh ar nan laimh dheis 's maoim romp'i

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence