Skip to main content

‹‹‹ prev (185)

(187) next ›››

(186)
Eadar Uibhist is Muideart,
'S Mac-Iain-Siubhart na h-Apunn,
'S gach dream eile do 'm b' abhist
'Bhi a ghnath leis a cheartas,
Ged nach digeadh na Duibhnich,
'S beag ar suim de na phac' ud.
Sgrios le claidheabh gun dearmad
Air gach cealgadair breige,
'Tha o dhuine gu duine
A cur bun ann san eucoir.
'Nis on thanic an rionnag
Teannibh uile ri 'cheile ;
'S leibh clach mhullich a chabhsair
Anns gach aite do 'n deid sibh.
Bha an Seanailear gorach
Tigh 'nn a chomhrag 'n ur n-aghidh ;
'S teann nach islich e shron
Ged thig e sporsail air adhart.
Ach nan cumadh e comhail,
Mar bha ordagh a chladhair',
Gum bu lionmhor iear casaig
Gun cheann, gun chasan, gun f hradharc.
Deanibh cruadal le misnich,
'S ann an nis a tha 'n t-am ann ;
Bho na thanic an solus
'Thogas onair na h-Alba.
Fhir a sgaoil a Mhuir Ruadh
'S a thug do shluagh troimpe sabhailt',
Bi mar gheard air a Phrionnsa,
Air a chuirt, 's air a phairtidh.
Craobh-chosgir, a laurel, a trophy.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence