Skip to main content

‹‹‹ prev (184)

(186) next ›››

(185)
Thig dream fogainteach, fearail,
A Gleann-Garadh 's a Cnoideart,
Fo 'n cinn-f headhna nach tilleadh
'S nach gabhadh giorag roimh chomhrag,
Gu borb, armailteach, lionmhor
A dol sios ann sa chomhail ;
'S mairg a tharladh fo 'r buillibh,
'Shil nan curaidhnean coire.
A Shir Alasdir uasil,
Nach grad ghluais thu air t' aghidh ;
Learn a 's fada tha t' f huireach,
Gun bhi air thuras 'nan deaghidh,
Le do bhratichean lionmhor ; — ■
'S iomad ciad 'th' ann at f haghid ;
On bu dual dhuit bhi fuileach
Leig do chuilein air adhart.
Tha do chinneadh fo mhulad
A thaobh t' f huirich 'san uair so,
On 's ann uileann ri uilinn
'Bu mhath gach spionnadh gu cruadal.
Ciod a chuis tha fo 'n chruinne,
Ris an cuireadh sibh guallann,
Nach biodh sibh 'n ur n-urrinn
A clach mhullich a bhuannachd ?
A Chlann-Ghriogair a chruadail,
On bu dual dhuibh 'bhi tapidh,
Chaidh ur diteadh 's ur ruagadh
Le luchd-fuatha gun cheartas ;
So an t am dhuibh bhi 'dusgadh
'Thoirt bhur duthchis f hein dhachidh ;
'S ged is fad on tha chuing oirbh,
Theid na Duibhnich fo 'r casibh.
'Nuair 'theid gach cinneadh ri 'cheile
Eadar Sleite 's a Cheapachj

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence