Skip to main content

‹‹‹ prev (183)

(185) next ›››

(184)
'Nis bhon thionndaidh a chuibhle
Theid gach traoitear fo 'r sailtean.
Slan do 'n t-saor 'rinn am bata
A thug sabhailt' gu tir thu ;
Slan do 'n iul-f hear neo chearbach
'Thug thar fairge gun dith thu.
Guui b' e sud am preas toridh
'Thug an sonas do 'n rioghachd ;
'S lionmhor laoch 'thig fo d' chaismeachd,
'Bheir air Sasunnich striochdadh.
Slan do 'n uachdaran ghasda
'Dh' f halbh bho 'n Cheapich Di-haoine ;
'Rinn an cruinneachadh rioghail,
'Chuir fo f hiamh iad le maoidheadh.
Bha da Dhomhnall ri d' shlinnein,
'S do chuid gillean cha b' f haoin iad,
'H-uile h-aon deas gu bualadh,
'S cha robh bhuath' ach an saothair.
'Ursainn-chatha a chruadail,
'Thug do dhualchas bho t' athir,
Dia 'gad chumail an uachdar
'Chosnadh buaidh anns gach latha.
'H-uile fear 'theid gu d' chomhnadh
Ge b' ann le comhrag a chlaidhibh,
Gun robh Prionnsa na gloir' leis
'Chur righ Deors' as a chathir.
'Thighearn' oig o bhun Airceig,
'S ceannard feachd' thu nach geilleadh ;
Thu-f hein 's triath fir a Bhraghad
Chuir bhur nadar ri 'cheile.
Da chraoibh-chosgir a chruadail
Air thus sluaigh a rinn eirigh ;
'S aig a bhair agus uaith'
Bhur neart an guaillibh a cheile.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence