Skip to main content

‹‹‹ prev (182)

(184) next ›››

(183)
'Nis siubhlibh le beannachd,
Gun mhaille, gun ghruaman,
Ho ro togibh an aird,
Is nochdibh 's gach aite
Gur Gaidhil 'tha 'gluasad,
Ho ro togibh an aird.
Nochdibh bhur spionnadh,
Bhur neart is bhur cruadal ;
Gach aon neach a chasas ruibh
Grad thugibh buaidh air,
Biodh fios aig fir Shasuinn
Nach tais ann san ruaig sibh,
Is fagibh 'sna claisean
Gach fear diu a bhuaileas ;
Ho ro togibh an aird.
ORAN AIR TEACHD PHRIONNS'
TEARLACH.
LE NIGHINN MHIC AONGHUIS OIG.
Angus, tenth Macdonald of Keppoch, was
killed in the fight of Stron-a-Chlachain in 1640.
He left a son, who was known as Aonghus Og.
The authoress of the following poem was a
daughter of the son of Aonghus Og.
'N ulidh phrisail 'bha bhuainne,
'S ann a f huair sinn an drasd i ;
Gum b' i sud an leug bhuadhach
'Ga ceangal suas leis na grasan.
Ged leig Dia greis air adhart
Do 'n mhuic 'bhi 'cladhach 'at aite.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence