Skip to main content

‹‹‹ prev (186)

(188) next ›››

(187)
CUMHA AONGHUIS OIG GHLINNE-
GARADH.
LE BEAM ACHADH-UAINE.
FONN. — Gaoir nam ban Mtiileach.
O ! gur muladach oirnne
Mar a thachir do 'n Choirneal,
Sar cheann-feadhna Chloinn-Domhnill
Ri am catha no combraig. —
'S mairg a chitheadh t' f hull bhoidheach
'S i a taosgadh mu d' bhrogan,
Is a taomadh gun ordagh air cabhsair.
Aonghuis oig a chuil dualich,
'S ro-mhath 'dh' eireadh gach buaidh leat ;
Gus 'n do chuir iad san uaigh thu
Gun robh Tearlach an uachdar ;
Bha do bhuillean cho cruaidh leis
'S nach robh tilleadh da uair ac',
Air mo laimh gur tu 'bhuaileadh 'n adbhannsa.
Aonghuis Oig a chuil channich,
Is nan calbannan geala,
Is an t-slios mar an eala,
No la greine gun smalan,
Tha do cheil' air a sgaradh,
O 'n la 'chuir iad thu 's talamh ;
O 'n la dh' f hag thu i b' ainneamh a gaire.
Nan d' f huaradh leat laithean,
Gait at robh e, mac mathar,
Ris nach seasadh tu aite,
'Dhol a dh' iarridh na h-araich,
Is a bhualadh an namhid ?
Le do chlaidhibh geur stailinn
Bhiodh luchd-chotichean madir dheth caillte.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence