Skip to main content

‹‹‹ prev (737)

(739) next ›››

(738)
68 Beatha Sir Uilleam Wallace. [May,
sin, cbaidh e do choille Mhethven, mar bheagan mliiltean do bbaile-
mor Pheairt. Bha nis m6ian ajj eiridh leis. Am measg na dhruid
suag ri 'mlieirglie, bha Eirionnach fogliainteach d'am b'ainm Stephen
saighdear dileas, agus co laidir ri triiMr. Smuainich Wallace gu'n
tugadh e dhasan comannd an airm, agus t'u'n racbadh e f'ein agus
dusan no dha do bhaile Pheairt, a bha fo chis aig na Sasutuiaicb, an
t-arm dearg. 'Nuair rainig iad geat' a' bhaile, cha'n f baigheadfi iad a
stigh gun fios a cbuir air a' Phrotbaiste. Thainig am Prothaiste, agua
'nuair cbunnaic e duine mor, ard, laidir, db'fharraid e am b'Albannaich
iad. Thubbairt Wallace gu'm b'eadli ; agus co ac' a b'eadh no nacli
b'eadh, an am sitb, nach rol)h reusan neach a cbumail a mach. " Tlia
thn ceart,'' ars' am Prothaiste ; ach tha fear, Wallace, a deanamh a
leithid do mhilleadh am measg na Sasunnaicb, 's gu feum siim a bbi
air ar faicill. Cothusa? — c'ainm a their mi riut?'' " 'Se m'ainm-
sa," arsa Wallace, •' Uilleam Malcom. Is deasaich sinn gu leir, ag
iarraidh oibreach." Cbunnaic Wallace nach robh feum fiarhainn ri
Peairt a thoirt a mach ; ach coma leat, chual e gu robh an Sasunnach
bruideil, Sir Seumas Butler sa' bhaile, agus ri dol dhachaidb an latha
no dha gu caisteal Ktnyleven. Mach a ghabh Wallace. Slseiiin e'a
fhideag. Chruiniiich a dhaoine. Rinn iad foill-fholacb ri taobh an
rathaid ; agus 'nuair thainig Sir Seumas, leum iad air, agus mbarbh iad
e fein agus corr 'us tri ficbead fear. A' cbuid eile, theicb iad do'm
chaisteal ; ach ma theich. bha Wallace air an sail. Ghlac agus chreach
e'n caisteal, agus an sin chuir e sop teine ris !
'Nuair chuala Sir Iain, mac Shir Seumas, gu'n deacb 'athair a
mbarbhadh, macli a thug e air cheann mile fear, an toir air Wallace.
Rainig iad a' choille. Cha robh aig Wallace ach fichead fear-saighde ;
ach aig Sir lain bha seachd ficbead, a thnilleadh air tri fichead fear-
aleagha. Ghlac Wallace a thargaid agus a bhogba — bogha nach lub-
adh neach an Albainn ach e fein — agus leis a' cheud shaighead, leag
e Sasunnach. Thug so fras shaigbdean o na Sasunnaicb, a leoiii
mciran de na h-Albarmaich, agus, am measg chaich, Wallace e fein.
'Nuair cbunnaic e so, dh'oiduich e d'a dliaoine an saighdean a cbuir
'nam builg, agus an claidlieamh-mor 's an t-sleagb fheucbaitm doibh.
Leum iad a nis air an nanihaid, 'gan gearradh sios mar dhioguin roimh
bhat' a' bbuachaille. Mu'n am so, thainig tri cheud fear fuar, fo
chomannd fir Lorn, a chuideachadh an namhaid. 'jNuair cbunnaic
Wallace so, thubbairt e r'a dhaoine — •' Deanamaid air na cinn-
f headhna, agus cuireamaid as doibhsati, airneo chaill sinn an latha agus
ar beatha I" Cha bu luaithe 'thubbairt na rinn. Leum iad troimh
bhalla an namhaid, gus an d'rainig iad na cinn-fbeadhna. Fliuair Sir
Iain agus Lorn an onoir tuiteam fo chudthrom claidheamh-nior Wal-
lace. 'Nuair cbunnaic na Sasunnaicb mar tliachair, thionail iad gua
an cinn a chuir r'a cheile ciod a dbeanadh iad. 'Nuair cbunnaic
Wallace so, mach ghabh e fein agus a dhaoine air taobh tuath na
coille, agus thugar coille eile orra. Lean na Sasunnaicb ; ach cha
robh fhios aca c'aite an robh iad a' dol. Fhuair iad cuiip an da
sheanalair, Butler agus Lorn ; ach an 6r agus an eicb, cha robh fio9
c'aite an robh iad so ! Cha robh aig na Sasunnaicb ach tillcadh do

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence