Skip to main content

‹‹‹ prev (34)

(36) next ›››

(35)
dh'oeain thaghta ghaidhealach. 23
Gur li-iom' òganach sgaiteach,
Lub bhaclilach, sgiath chrom;
Eadar drochaid Allt Eire,
'S Kugha Shleibhte nan tonn ;
A dheanadh leat eiridh
Mu 'm biodh do chreuchdan lan tholl;
'S a rachadh bras ann a t-eirig.
Dheagh Shir Sheumais nan long.
Chuir Dia oirn crobh shio-chaint,
Bha da 'r dionadh gu leoir ;
Da 'm bu choir dhuinn bhi striochdadh,
Fhad 'sa 'n cian bhiodhmaid beò ;
Mas sinn fhein a chuir dìth oirr',
B' olc an dioladh sin oirnn;
Tuitidh tuagh as na flaitheas,
Leis an sgathar na meòir.
'N glan fhiuran so bh' againn,
'N taobh so fhlaitheas Mhic Dhè ;
Thainig sgiursadh a bhàis air,
Chaill sinn thoirt le srachd geur;
'N t-aon fhiuran a b' àillidh,
Bh' ann 's phairce 'n robh speis;
Mur gu 'm buaineadh sibh àilean,
Leis an fhàladair geur.
Tha lionn-dubh air mo bhualadh,
'N taobh tuathal mo chleibh ;
'S mu mhaireas e buan ann,
B' f hearr leam uam e mur cheud :
Gar an teid mi g'a innseadh,
Tha mi cinnteach a' m' sgeul ;
Luchd dheanadh na sithne,
Bhi feadh na tire gun deigh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence