Skip to main content

‹‹‹ prev (35)

(37) next ›››

(36)
'24 COMHCHRUINNEACHA DO
A BHEAN LEASAICH.
An Stop Dhuin.
(L'Iain Lom.)
A BHEAN leasaich an stop dliuinn,
'S lion an cupa le sòlas,
Mas a branndai no beoir i, tha mi toileach a h-òl
'N deochs' air Captain Chlann-Domhnuill,
'S air Sir Alasdair òg thig on chaol.
'M fear nach dùirig a h-òl
Gun tuit 'n t-shuil air a bhord as,
Tha mo dhùrachd do'n òigear,
Crann curaidh Chlann-Domhnuill,
Eigh nan dùl bhi gad chòuadh fhir chaoimh.
Greas mu 'n cuairt feagh 'n taigh i,
Chum gun gluaisinn le aighear,
Le sliochd uaibhreach an athar,
A choisin buaigh leis a chlaidheimh,
Fior ga ruagadh 's ga 'n caitheamh gu daor.
Sliochd a ghabhail nan steud thu,
Dh' fhas gu flathasach feile,
Do shiochd gasda Chuinn cheutaich,
'S a bha taghaich an Eirinn,
Ged a fhuair an claidhe 's an tèug oirbh sgriob.
Bhiodh an t-iubhar ga lubadh,
Aig do fhleas-gaichean ùra,
Dol a shiubhal nan stùc-bheann,
Ann 's an uighe gun churam,
Leis a bhuidheann ro 'n ruisgte na gill.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence