Skip to main content

‹‹‹ prev (33)

(35) next ›››

(34)
22 COMHCHRUINNEACHA DO
A leithid de mliort cha robh 'n Albuinn,
Ged bu bhorb iad na 'm beus;
'S bochd an sgeul edar bhraithrean,
E dhol an lathair mhic Dhej
Mur am bàt air an linne,
Ge b'e shireadh na dèigh;
Cha tain' a leithid do mhilleadh,
Air ceann-cinnidh fo 'n ghrèin.
Tha mulad air m' inntinn
Bhi 'g innseadh bhur beus
'S ann a ghabh iad am fath oirbh
'JSr uair chuaidh 'ur fagail leibh fein
'Sa chuir sibh cungaidh 'ur càsaibh,
Ann an Aros na 'n tèud;
'S 'ur buachaillean bàth-chruibh,
Ann an garadh nam pèur.
'S ann an sin a bha 'n cinneadh,
Bh' air am milleadh o 'u ceill;
Chaidh a ghlacadh droch spioraid,
Ann an iomad fìamh Dhè;
Sin am fath mu 'n robh sginean,
Cho minig 'n 'ur deigh ;
'Sa 'neach nach do bhuaileadh,
Bhi ga bhuain anns a bhrèig.
Ach a Mlioir-fliear Chlann-Domhnuill
'S fad do chomhnuidh measg Ghall,
Dh' fhag thu sinne n'ur breislich,
Nach do fhreasdail thu 'n t-am;
Nach do gleidh thu na h-itean,
Chaidh gun fhios dut air chall;
Tha sinn corrach as t-aogais,
. Mur cholainn sgaoilte gun cheann.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence