Skip to main content

‹‹‹ prev (32)

(34) next ›››

(33)
dh'orain thaghta ghaedhealach. 21
'S ann di-sathuirne gearr uainn,
Bhuail an t-earrchall orm spot;
'S mi caoidh nan corp geala,
Bha call na fala fo 'm brot ;
Bha mo lamhansa croabhach,
'N deigh bhi taosgadh 'ur lot ;
Se bhi ga 'r cuir ann an ciste,
Tùrn as miste mi nochd.
B'iad mo ghraidh na cuirp chùraidh,
Anns 'm bu dlii chur na'n sgian ;
'S iad na 'n sineadh air ùrlar,
'N seomar ùr ga 'n cur sios ;
Fo chasan shiol Dùghaill
Luchd a spuilleadh na'n cliabh;
Dh' fhag àlach am biodag
Mur sgàile ruidil 'ur bian.
C'aite 'n robh e fo 'n adhar,
A sheall n'ur bhathais gu geur,
Nach tugadh dhuibh athadh,
A luchd 'ur labhairt 's 'ur bheus ;
Mach o chlainn bhrathair n-athar,
Chaidh 'm bainn an aibhisteir threin ;
Ach mu rinn iad bhur lotsa,
'S trom a rosad dhaibh fein
Tha sibh 'n cadal thaigh duinte,
Gun smuid deth gun cheò;
Far 'n d' fhuair sibh 'n garbh dhùsgadh,
Thaobh 'ur chùil a's 'ur beoil;
Ach na 'm faigheadh sibh ùine
luchd ur mhi-rùin bhi beo;
Cha bu bhaile gun surd e,
Biodh air' air mùirn 's air luchd-ceoil.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence