Skip to main content

‹‹‹ prev (413)

(415) next ›››

(414)
394 ORAIN
Sìoda còmhclach gu'n Bàiltean
'S iad a' Bguabadh na sràid as an dèigh,
Le gnùis-bhrat 's cochuill làmh orra,
'S gun na fiaclan slàn ann nan deud.
Chi mi caile chinn ghuanaich,
Le falt ceannaich a fhuair i an dè,
'S a' bhoineid thall cùl a cluasan;
Mar tha air adharcan luachrach an t-shlèibh ;
Ged is stuireanach, caol-chasach,
Astarach, eutrom, a ceum ;
Cha bhiodh a pògan ach searbh leam,
'S fiaclan tilgte dhaoine marbh ann na beul.
'S bochd an sealladh tha againn,
Air oidhche Di-sathuime f hèin ;
Fir a's mnathan a' caonnag
'S an clann leth-ruisgte caoineadh nan dèigh,
Fuil ga'n dalladh 's na sùilean
'S iad le anacainnt toirt dùlan d' a' chèil,
'S nan deanadh Gàidheil an tùrn ud
Bhiodh iad ainmeU nan dùthaich na dhèigh.
IS FADA MI 'M GNAIIAN'.
Seisd. — Is fada mi 'm ònaran
'S fada mi, 's mi leam fhein,
'S cian o thìr m' eòlais mi,
'S fada mi m' ònaran.
Is fad' tha mi o chaol-Muile,
Am bi na luinngeis a' seòladh air,
Is fada mi, &c.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence