Skip to main content

‹‹‹ prev (414)

(416) next ›››

(415)
GHAIDHEALACR. 395
'S mi 'm shuidh' air an tiilaich,
Lion mnlad ro lihrònach mi.
Is fada mi, &c.
B' fheàn' tàmh aig a' bhaile,
Na 'mhachair, ge còmhnard i.
Is fada mi, &c.
'S cha'n aithnich a h-òighean mi.
Is fada mi, &c.
'S mi gun fhiodhall, gun chlàrsach,
'G èisdeachd bàirich nam bòanan.
Is fada mi, &c.
Mi gun bhoineid, gun suaineach;
'S am fuachd aii- toirt leòn' orm.
Is fada mì, &c.
Ann am bothan beag barraich ;
Cha tig cai'aid 'g am fheòraich ann.
Is fada mi, &c.
Ach nam bithinns' 's an Apuinn,
Gheibhinn caraid 's fear eòlais ann.
Is fada mi, &c.
Far am bi na mna'n brèid-gheal
Là-feille, 's gur bòidheach iad.
Is fada mi, &c.
A bheinn ghorm ud, m' am choinneamh,
Leam is soilleir do neòineinean.
Is fada mi, &c.
'S tu cur am chuimhne, le t-àilleachd
Fai' am b' àbhaist mo chòmhnuidh bhi.
Is fada mi, &c.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence