Skip to main content

‹‹‹ prev (412)

(414) next ›››

(413)
GHAIDHEALACH.
ORAN DO GHLASCHU.
Le D. Mac-A-Phearsain.
AiR FoNN. — "Mort Ghlinne-Comhunn"
'S mi so an Ghlaschu nam bùitliean,
Far bheil fasain a's ioghnaidh gu leòir,
Leis na chunnaic mo shùilean,
Tha mo chiidhe air dùsgadh gu ceòl,
Sluagh mar sheangain gun àireamh
Ruith gach rathad 's na sràidean nan deann,
Am measg toit a's droch fhàile
'S pailteas fearainn dol fàs feadh nan gleann,
Ged tha Ghlaschu cliùiteach
Anns na fasain a's ùire fo'n ghrèin,
'S iomadh trioblaid a's neòghloin
Tha luchd misg toirt dh'an deòin orra fhèin;
Cha 'n 'eil bainne ann ri fhaotainn,
An deoch is feàrr air an t-saoghal gu lèir,
Ach beirm làidii- a' chaochain,
A' cur mhnathan is dhaoin' as an cèill.
Dol troimh Mhargadh an t-shalainn,
Far an lionmhor luchd malairt an èisg;
'S iomadh bodachan peallach,
Bhios a' seinn aii- gach ealaidh fo'n ghrèin,
Cailleach mhòr, bhuidhe, ghris-fhionn,
'Figheadh stocaidh a's pìob ann na beul,
Ag èigheach, "Sgadan Lochfìne,"
'S i air tùchadh le innseadh nam breug.
Ged as àillidh an sealladh,
Mnathan uaisle a' bhaile gu lèir;
Ag imeachd feasgar 'na Sàbaid,
Aii- sràid Earraghàidheal nan seud,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence