Skip to main content

‹‹‹ prev (66)

(68) next ›››

(67)
GIIAIDHEALACH.
Ara fad 's a gheibli mi biadh a's aodach,
'S comunn blàth mo chèile ghaoil
Le 'fiùrain òga 'fàs ri 'Laobh,
Cha chuir an saoghal smalan orm.
A Dhòmhuill bhig, etc,
Ged tha mise cian air fògar
Bho na glinu 's an goir an smeòracli,
'S ioma linn o n' bha mo sheòrsa
Eadar Ròthaill 's Brathadal.
A Dhòmhuill bhig, etc.
'S ioma ceàrn d' an d' rinn iad sgaoileadh
Deas a's tuath air feadh an t-saoghail ;
'S iad na Goill 's na caoirich-mhaola
'Chuir mo dhaoin' air allaban.
A Dhòmhuill Ijhig, etc.
'S ioma fàrdach fhialaidh, aoibheil
'Bh' anns a' ghleann am faiglit' an aoidheaclid,
'Tha gun cheaun, gun clirùb, gun taobhan,
Fo na caoiricli Shasvinuach.
A Dhòmhiiill bhig, etc
Gleann mo chridhe ! gleanu mo dhùthchais !
Gleann nan raon 's nam fuaran cìiljhraidh !
Na 'm bu leam ach trian de m' dhìn-achd,
Sud an ìiir 's an caidilinn.
A Dhòmhuill bhia:, etc.
A MHAIRT BHINN, MHEA.LL SHUILEACH.
Seisd :— A Mhàiri bhinn, mheall-shuileacli,
'S toigh leam fhèin cruinneag a' chruidh ;
'S a nighean donn nam meall-shùileau,
'S, a Mhali, thug mi spèis dhuit.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence