Skip to main content

‹‹‹ prev (67)

(69) next ›››

(68)
48 ORAIN
'S mise tlia gu brònach
Nach d'fhaod mi fuireach còmlir riut,
'S mi 'tarruing air na ròpain,
'S a' chòrcach air mo lèine.
A Mhàiri bhinn, etc.
Air a' mheadhon oidhche,
Ged b' ann am bàrr a' chroinn e,
Bhi 'cuimhneachadh do chaoimhneis
Gu 'n d' thug e roinn de m' chèill uani.
A Mhàiri bhinn, kc.
'N uair rachadh i do 'n l)huaile,
A bhleodhan a' chruidh ghuaillinn,
'S e 'n ceòl is binne chualas,
A duanagan ga 'n èisdeaehd.
A Mhàiri bhinn, ikc.
Cha b'e meud do stòrais,
A chuir mi flièin an tòir ort,
Ach caileag laghach, bhòidheach,
Bhi còmhla rium ag èirigh.
A Mhàiri bhinn, etc.
'S ann 'n sin a thuirt mo mhàthair,
'S i 'bi'uidhiini ann an Gàilig,
"A mhic, na toir do làmh dhi,
A's iad a' tàir gu lèir ort.
A Mhairi bhinn, ete.
" B'fheàrr leam na mo gliìm e,
An latha Ij'fheàrr 's a 1/ ùir' e,
Gu'n tugadli tu do chìd rith',
'S gu'n liubhradh tu dhoibh fhèin i,"
A Mhàiri bhinn, etc.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence