Skip to main content

‹‹‹ prev (65)

(67) next ›››

(66)
46 ORAIN
Dli'fhàg mi 'n iiochcl thu 'meag nan dù-Ghall,
Ghabh mi fàth 'n nair bha clo chùl rium ;
'S cinnteach leam gu'n dean thu m'iunudrainn,
Mu'n tig diiiseal cadail ort.
A Dhr)mhuill bhig, ctc.
Dh'fhàg mi 'n diugh thu fèin 's do mhàthair,
As mo dhèigh ro chianail, cràiteach ;
Cruadhs' na bliadhna, 's cha 'n e 'n t-àilghio.s,
'Chuir an dràst do Shasunn mi.
A Dhòmhuill bhig, etc.
"8 trom mo ghleus 's mi 'nochd ga 'r n-iunndrainn,
'8 mi air barr nan strachd-thonn dùmhail,
'Fàgail Albainn air mo chùl-thaobh,
'Dol a null thar Benvick.
A Dhòmhuill bhig, etc.
Chi mi macli thar guala 'n fhuaraidh,
Cladach garbh is gailbhich nuallan ;
'S mòr gu 'm b' fheàrr 'bhi 'fàgail Chluaidh,
'S a' stiìiradh tuath air "Ealasaid."
A DhòmhuiU bhig, etc.
'8 beag tha dh' fhios aig fleasgaich aosda,
'Liuthad anradh a's cruaidh-fhaochnadh
'Th' aig fear-teaghlach air bheag maoin,
A' strì ri saoghal carraideach.
A Dhòmhuill bhig, etc.
Ach ged tlia mi bochd 'n am chrannchur,
'S beag na th' agam fhein de fharmad
Ris na fleasgaich sheasga, bharr-chruaidh,
Ged robh sealbh air fearann ac'.
A DhòmhuiU bhig, etc.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence