Skip to main content

‹‹‹ prev (94) Page 44Page 44

(96) next ››› Page 22Page 22

(95) Aireamh 6, Supplement - Gaidheal Og
AN GAIDHEAL OG
MIOSACHAN COMUNN NA H-OIGRIDH
Leabhar VI
AN T-OG-MHIOS, 1954 Aireamh 6
An Itnd A Tilig lA'i* A9 Inliaoiili
Le Iain A. MacDhomhnaill .
CHA robh moran de mhaoin an t-saoghail
aig Eanraig Ruadh—direach bothan
beag seasgair agus na dheanadh e fhein
aig deanamh chliabh anns a’ gheamhradh agus
shiomain as t-earrach. Bha Mor a bhean ’na
boireannach deanadach dicheallach cuideachd,
agus, ma bha Eanraig math air a’ chliabh agus
air an t-sioman fraoich, bha Mor a cheart cho
ealanta gniomhach an ceann na cuigeil agus na
cuibhle.
Ged nach robh storas no ionmhas air a
bhuileachadh orra, bha iad fior choibhneil agus
fialaidh. Cha tainig coigreach riamh an rathad
nach d’fhuair cuid na h-oidhche agus iomadh
uair cuid oidhche no dha, bu choma co dhiubh
a bu mhith no a bu mhaith e. B’ann air
Eanraig agus air Moir, fna ta, a stiuir am
Freasdal an triiiir uaislean a chaill an iiil anns
a’ mhonadh aig deireadh an fhoghair bliadhna
a bha siud. Abair gun d’fhuair iad aoigheachd
bho Eanraig agus bho Mhoir, agus cuid na
h-oidhche comhla ri sin.
An uair a bha iad a’ togail orra chun a’
bhaile an ath mhadainn, gu de ach gun do shin
fear aca croglach airgid do Eanraig, agus e a’
gabhail beannachd leotha aig ceann an taighe.
Cha b’ann d’a dheoin a ghabh Eanraig an
t-airgead, ach, feuch thusa riut, nach e fhein
a bha solasach an uair a chunntais e air a bhois
deich buinn cruin! “Airgead mor,” arsa esan
ris fhein, agus gu dearbh tha mi cinnteach nach
fhaca Eanraig uibhir siud de airgead aige fhein
riamh, ceart cruinn comhla.
Ach cha robh barail na gleusdachd aig
Eanraig air Moir choir, agus is fheudar aideach-
adh gur iomadh bonn a chosg i uair is uair air
goraiche,—“adaichean, cotaichean, brogan-
laga, is dith-tuir,” mar as minig a thuirt
Eanraig fhein.
Dh’fheumte, shaoil Eanraig, a bhith
faiceallach an turus seo, agus mar sin, gun
ghuth gun ghabadh a radh ri Moir, charaich
Eanraig an t-airgead am pocaid fior sheann
— 21
chota a bha aige an crochadh air chul dorus an
t-sabhail.
Mar a b’abhaist, an la sin, dh’fhalbh
Eanraig a bhuain caoil chleibh anns a’ Choille
Bhig. Bha a chridhe a’ mire ris agus an sgian
a' gearradh nan slat mar nach d’rinn i riamh
roimhe. Thill e dhachaigh leis an deagh ghad
mu aird fheasgair. Cha robh dragh no gruaim-
ean air, agus e lan-chinnteach gun rachadh aige
air seann mhart a cheannach roimh Bhealltainn.
Agus an ionghnadh idir ged chaidh e cha mhor
air bhhinidh an uair a dh’innis Mor dha mu’n
duine bhochd a thainig an rathad, gun chota
gun aid, ag iarraidh deirce. Nach ann a bha
truas aig Mdir ris agus cha diiraichdeadh i gun
rud-eigin a thoirt dha!
Ach an t-suil a thug Eanraig oirre an uair
a chuala e mu’n chota ‘‘’s gun ann ach an
luideag,” mar a thuirt i fhein! Ma bha Mor
faoin roimhe, cha b’e an cliu a b’fhearr a thug
Eanraig oirre am feasgar ud, ach cha leighis
caineadh call. Cha robh guth air a’ chota ach
sin fhein, agus bha Eanraig anns a’ Choille
Bhig mar a b’abhaist an ath la, ach cha robh
a inntinn cho fonnmhor no a sgian cho geur an
la ud, agus is math gum foghnadh a’ ghobhar
bhreac bliadhna no dha fhathast. Le ccum
trom, ged nach robh an gad ach beag an la ud,
ghabh Eanraig am frith-rathad thar a’ mhon-
aidh, agus direach an uair a bha e a’ leigeil a
analach air cul na Creige Baine, co a thachair
air ach an triuir uaislean! Dh’innis Eanraig
bochd dhaibh mar a thachair, agus nach ann a
thilg fear eile de na h-uaislean deich buinn eile
air agus leis a sin thug na h-uaislean an casan
leotha. Cha robh fhios aig Eanraig bho’n
t-saoghal de a theireadh e no a dheanadh e, ach
co-dhiubh chan fheumadh e guth a thoirt air
seo ri Moir. Smaoinich e gum b’fhearr dha gun
an t-airgead a thoirt an coir an taighe, agus
nach bu mhath an taigh-tasgaidh an garradh-
crxche am braighe a ’ bhaile! Sparr Eanraig an
t-airgead an aon de thuill a’ bhalla agus thug