Skip to main content

‹‹‹ prev (95) Aireamh 6, SupplementAireamh 6, SupplementGaidheal Og

(97) next ››› Page 23Page 23

(96) Page 22 -
AN GAIDHEAL OG
e an taigh air cho sunndach surdail ri aois nan
c6ig-bliadhna-deug.
Bha e air a bhonnaibh gu math trath an ath
mhadainn, agus, air eagal is nach b’ann ri
bruadar a bha e, siud suas thun a’ gharraidh e
ach, feuch thusa riut, sgeul cha robh air flu bonn
airgid, agus ged bhiodh Eanraig a’ biirach is a’
rurach am measg clachan a ’ gharraidh fhathast,
sgeul chan fhaigheadh e air airgead. Cha robh
air ach innseadh do Mhoir mu’n mhi-shealbh
a thainig orra a rithist, ach cha b’e sin a
b’fhaide leis ach b’fheudar innseadh do’n
triuir uaislean an uair a thadhail iad orra an
oidhche sin fhein.
Bha na h-uaislean car diombach gun teagamh,
gu h-araidh an treas fear nach tug dad dhaibh
gu ruige seo, agus an uair a bha iad a’ fagail an
taighe air an trobha seo nach ann a thilg esan
cnap luaidhe air a’ bhord ag radh gu fanaid-
each, “Is docha gun dean siud am barrachd
feuma na ni airgead do bhur leithid. ’ ’ B’e
Eanraig a fhuair a chaineadh an oidhche ud,
agus “ is e a choisinn, an slaodaire dubh, ’ ’ arsa
Mor.
Cha mhor feum a bha anns an luaidhe do
Eanraig, agus thug Mor an cnap mar a bha e
do iasgair a bha a’ gabhail an rathaid, agus is
esan a bha toilichte leis. Cha ghabhadh Mor
sgillinn ruadh air a shon, agus an oidhche sin
fhein thadhail an t-iasgair orra a rithist agus
thug e an trosg breagha ud do Mhoir. Is fhada
o nach fhaca Mor a leithid roimhe agus ’na
bhad a ghabh i ’ga ghlanadh air son na poite. Is
ann dhi fhein a thigeadh a dhol an car na
h-oibreach seo agus cha b’fhada a bha i ris, ach
bha rud-eigin cruinn cruaidh eadar am blian
is cnaimh-droma an eisg. Chuir seo iongh-
nadh oirre, ach chuir e am barrachd ionghnaidh
oirre an uair a chunnaic i gur e a bha ann clach
chruinn chruaidh a’ dearrsadh gu h-ioma-
dhathach an solus an t-seomair. Is beag a
bha de eolas aice fhein no aig Eanraig air
clachan luachmhor agus cha robh air ach a’
chlach a chur an seotal na ciste comhla ri rudah
annasach eile a lorg Mor air an traigh agus anns
a’ mhonadh.
Cha robh duine a thigeadh an rathad nach
fhaiceadh a ’ chlach, agus mar sin bha a ’
chlach neonach iomraiteach thall ’s a bhos an
uine gun a bhith fada. Aig toiseach an ath
shamhraidh bha ‘ ‘ Bodach nan Clach, ’ ’ mar a
theireadh muinntir an aite ris, anns an sgireachd
a rithist. Chuala esan iomradh air a’ chloich
agus cha luaithe a chunnaic e i na thairg e deich
puinnd Shasannach do Mhoir air a’ chloich—bha
Eanraig anns a’ choille an ]& sin a rithist. Cha
b ’e ruith ach leum le Moir a ’ chlach fhaodail
a sparradh ’na laimh.
Ma bha surd air Eanraig roimhe seo is ann a
bha an surd air Moir a’ tighinn dhachaigh as a’
bhaile an la ud—ad ixr, cbta agus brogan ura,
agus grinneasan beaga eile aice dhi fhein agus
do Eanraig.
“Cha tig,’’ arsa Mor, “traigh gun mhuir-lan
’na deidh.’’
Cha robh Eanraig bui'each cinnteach, oir a
reir coltais is iomadh slat agus gaisde a
dh ’fheumadh esan a bhuain agus a shniomh mum
faighear mart roimh Bhealltainn. Cha lobh
moran earbsa aig Eanraig riamh am muir-lan;
is i a’ Choille Bheag moran a b’fhearr dhasan,
ach, mur an robh e cinnteach riamh roimhe, bha
a nis, gur fior agus glic an seanfhacal a thuirt,
“An rud a thig leis a’ ghaoith, falbhaidh e leis
an uisge. ’ ’
Comliradii Nan Crentairean
BHA rocais ann roimhe seo a bha air toir
cobhartaich dha fhein, agus air a thurus
goidear mulchag-chaise a uinneig taigh-
airigh; agus cait an deachaidh e g’a h-ithe
ach do bharr craoibhe. Rinn e gurrach air
spic; agus, suil d’an tug e, ciod a chunnaic e
shios fodha ach gugarlach mor losgainn ’ga
bhlianadh fhein ann an lub.
Bha siiilean an losgainn ’nam faoban eitigh
a’ sginneadh troimh a chlaigeann. Bha e ’na
shealladh, ar leis, cho ro-ait is gun do chuir e—
ri faicinn an spliutaire shliomaich thruaigh—
spliug de bhraoisg-ghaire air—an seorsa spliug
sin nach tig ach do’n rocais agus e thoradh a
ghean.
Goirid bho’n losgann bha soidearlach de
dhamh coir sultmhor ag ionaltradh, agus
baidnean uan a’ cluaineis mu’n ailean, agus
greis mu seach aca air snotadh bhileagan feoir
agus bhlathan.
Co a bhuail a staigh do cheann-shios na
cuithe ach gum b’ e madadh-allaidh! Sgeadaich
e e fhein cho seolta an deise de chula'idh-
chaorach agus nach d’aithnich na h-uain co
a bha aca. Chan e a mhain sin, ach fear dhiubh
a bha an uilebheist tiotan beag roimhe sin an
deaghaidh a mhathair ithe agus a craiceann a
shuaineadh mu a ghuailnean, ruith e gu soganach
neochiontach ’na choinneamh, an dixil gum b’e
a mhathair!
“Hi-hi!” arsa an sionnach, is e ag ealadh
timcheall a’ gharraidh an ionad a bha fo sgail
na craoibhe air an robh an rocais ’ na ghurrach
a’ gabhail beachd air an losgann a’ coimhead air
an damh le da spleuc^d-shiiil a bha an impis