Skip to main content

‹‹‹ prev (80) Page 18Page 18

(82) next ››› Page 20Page 20

(81) Page 19 -
AN GAIDHEAL OG
tioram, car son a tha craobh nan ubhlan on-
gun duilleig, agus car son a tha am fear-
aiseig air a cheangal cho teann ri a dhleas-
danas.
“Tha thu deidheil air ceistean cruaidhe,’’
arsa a ’ chailleach, ‘ ‘ach laigh thusa gu samhach,
agus eisd ciod a their am famhair an uair a
tharraingeas mise na gaoisdeanan, agus is
docha gum foghlum thu na tha a dhith ort. ’ ’
Thainig an oidhche agus thill am famhair
dhachaigh. Cho luath is a sheas e am broinn
na h-uamha snotaich e mun cuairt agus thubh-
airt e, “Chan ’eil gach ni mar as coir an seo;
tha mi a ’ faireachadh faile feoil duine. ’ ’
An sin shin e ri rurach thall is a bhos, ach
bu diomhain a shaothair, agus thubhairt a’
chailleach ris, agus i a’ trod, ‘‘Car son a tha thu
a’ cur ghnothaichean trumach air thearrach?
Chan ’eil mise ach an deidh an t-ait a
sgioblachadh. ’ ’
Leig am famhair a cheann sios air gluinean
na caillich agus thuit e ’na chadal. Cho luath
is a bha srann aige, rug ise air aon de na
gaoisdeanan oir ’na fheusaig agus tharraing i
a mach e.
‘ ‘Och, och! ’ ’ arsa am famhair, is e a ’ dusgadh
le clisgeadh, ‘ ‘ciod ris a bheil thu ? ’ ’
“Bha mi a’ bruadar,’’ arsa ise, “agus ’nam
thrioblaid rug mi air fheusaig crt. Bhruadair
mi gu bheil tobar a’ bhaile tioram. Ciod as
aobhar dha sin ? ’ ’
“A!’’ arsa am famhair, “nach iad a bhiodh
toilichte nan tuigeadh iad sin! Fo chloich
anns an tobar tha losgann. An uair a mharbhas
iad an losgann, sruthaidh uisge a rithist as an
tobar. ’ ’
Thuit am famhair ’na chadal an dara uair
agus tharraing a’ chailleach gaoisdean eile as
an fheusaig aige. “Ciod ris a bheil thu?’’
dh’eubh e le feirg.
“Na bi feargach,’’ arsa ise. “Rinn mi e
’nam chadal. Bhruadair mi gu robh mi ann an
rioghachd fad as, agus gu robh craobh mhaiseach
an sin air am b’abhaist ubhlan oir a bhith, ach
a nis chan ’eil fiu aon duilleag air a’ chraoibh.
Ciod as aobhar dha sin ? ’ ’
“A!’’ arsa am famhair, “nach lad a bhiodh
sona nan tuigeadh iad sin! Aig freumh na
craoibhe tha luch a’ criomadh. Nam marbhadh
iad an luch, bhiodh ubhlan oir air a’ chraoibh
mar a bha roimhe. Mur marbh iad an luch,
basaichidh a’ chraobh. A nis, leig learn cadal
ann an sith. Ma dhiiisgeas sibh a rithist mi,
diolaidh sibh air.’’
Thuit e an sin ’na chadal aon uair eile agus
cho luath is a chuala i srann aige, tharraing i
an treas gaoisdean oir as an fheusaig aige. An
tiota bha e air a bhonnan agus e a’ maoidheadh
gu cruaidh oirre. Ach chiuinich i e agus
thubhairt i, “Is e bruadar gle neonach a bha
agam an turus seo. Shaoil learn gum faca mi
fear-aiseig agus aige ri bhith a’ sior dhol a null
is a nail thar loch mhoir, agus gun chomas aige
faighinn saor bho’n t-saothair sin. Ciod a tha
’ga cheangal ris an dleasdanas ? ’ ’
‘ ‘An dearg amadan, agus b 'e sin esan! ’ ’ arsa
am famhair. “Nan toireadh esan an stiiiir
do laimh fir-turuis sam bith, gheibheadh e
saor, agus dh’fheumadh an neach eile fuireach
’na aite. A nis, guidheam oirbh, leigibh leam
cadal. ’ ’
Anns a’ mhadainn dh’eirich am famhair agus
chaidh e a mach, agus thug a ’ chailleach na tri
gaoisdeanan oir do’n bhalach, agus chuimhnich
i dha na tri freagairtean agus thog e air.
Cha b’fhada gus an d’rainig e am fear-
aiseig, agus dh’iarr am fear-aiseig air freagairt
na ceiste a chuir e air roimhe. ‘ ‘Cuir a null mi
an toiseach,’’ arsa am balach, “agus innsidh
mi dhuit. ’ ’ Cho luath is a bhuail am bata air
a’ chladach thall, thubhairt am balach ris an
fhear-aiseig, “Thoir thusa an stiuir do’n cheud
fhear-turuis a thig, agus teich is fag an siud e,
agus bidh do shaorsa agad. ’ ’
An ceann tacain rainig am balach am baile
far an robh a’ chraobh. “Marbhaibh an luch
a tha a’ criomadh freumh na craoibhe,’’ arsa
esan, “agus bidh ubhlan oir agaibh mar a bha
roimhe. ’ ’
Thug iad duais luachmhor dha air son na
naidheachd seo, agus chum e air aghaidh a
dh’ionnsaigh a’ bhaile far an do thiormaich an
tobar, agus dh’innis e do luchd-faire a’ bhaile
ciamar a gheibheadh iad uisge a rithist as an
tobar, agus thug iad taing dha agus thug iad
dha da asail luchdaichte le or.
Agus a nis, mu dheireadh thall, rainig am
balach sealbhach dhachaigh, agus bu shubhach
a bhean air dhi fhaicinn agus gach ni a thachair
dha a chluinntinn. Thug e na tri gaoisdeanan
oir do’n righ, agus cha b’urrainn an righ a nis
cead a dhiultadh dha a nighean a ghabhail mar
bhean-phosda, ach fhathast bha guin is fuath
aig an righ dha gus am faca e an t-ionmhas a
thug e dhachaigh leis.
“A mhic chaoimh,’’ arsa an righ, “cait an
d ’fhuair thu na tha an seo de or ? ’ ’
“Ri taobh locha,’’ arsa am balach, “far a
bheil am pailteas fhathast r’a fhaotainn.’’
“Innis dhomh, guidheam ort,’’ arsa an
righ, “cait a bheil an loch sin a chum is gup
teid mise agus gum faigh mi pairt dheth.’’
‘ ‘Gheibh thu na thogras tu,’’ arsa am balach,
“ach feumaidh tu falbh agus cumail romhad
gus an tig thu gu cladach loch mhoir. An sin
chi thu fear-aiseig. Leig leis do chur a null
air an loch, agus an sin chi thu or a tha cho
lionmhor ri gaineamh na traghad. ’ ’
Thog an righ air gun dail, agus an uair a
rainig e an loch smeid e air an fhear-aiseig agus
— 19 —