Skip to main content

‹‹‹ prev (81) Page 19Page 19

(83) next ››› Page 37Page 37

(82) Page 20 -
AN GAIDHEAL OG
ghabh esan gu toileach a staigh ’na bhata e.
Agus cho luath agus a shuidh an righ anns a’
bhata, chuir am fear-aiseig an stiuir ’na laimh
agus leum e air tir agus dh’fhag e an righ
an siud anns a’ bhata, agus aige-san a nis
ri daoine aiseag thar an locha gu siorruidh is gu
brath.
“Agus a bheil a Mhorachd rioghail fhathast
a’ stiuradh a’ bhata-aiseig thar an locha?’’
Is cinnteach gu bheil, oir co idir a ghabhadh an
stiuir as a lamhan ?
An Duttg-ailli
Le Mairi Anna NicGillinnein.
IS e an deagh chosnaiche a bha ann an
Seumas, ach gu dearbh cha b’e sin d’a
mhnaoi e. Dh’eireadh esan aig sia
uairean anns a’ mhadainn, dh’fhalbhadh e a
bhleoghann a’ chruidh, bhiadhadh e na
cearcan agus na mucan, ach gu ro-thric, an
uair a thilleadh e dhachaigh an deidh an riar-
achaidh seo mu ochd uairean air son a bhidh
(oir bha aige ri coig mile a choiseachd gu a
obair), bhiodh a bhean agus srann aice
fhathast a chuireadh na h-eich as a’ choirce !
Bha Seumas bochd tuilleadh agus sgith de’n
droch dhiol seo, ach aon la, air dha a bhith
ag obair as a fhallus air son corr is da uair a
thide, thill e dhachaigh mar a b’febhaist. Cha
b’e greadhnachas a’ mhic-meanmna — bord
lom-l&n de na h-uile seorsa meana^san — a bha
roimhe mar a thoill e, ach clar fuar falamh
agus teine duibh as. Dh’fheuch e an dorus gu
nimheil - as a dheidh cho cruaidh agus a
b’urrainn dha, agus tri uairean dh’eigh e iurd
a chlaiginn, “Teine! Teine!” Chualas an
upraid. Ann an tiota bha bean an taighe a
nuas an staidhre ’na deannaibh.
Gait a bheil an teine ? ” arsa ise gu
h-aithiseach.
Tha anns a h-uile taigh eile ach an seo,”
arsa Seumas, agus aon smid eile cha tainig as
a bheul-san co-dhiiibh!
Bheir mise mo ghealladh dhuit, ta, nach do
thill Seumas dhachaigh gu teine marbh dubh
no gu bord lorn falamh a rithist.
(Bho Leabhran Bliadhnail Acadamaidh
Rioghail Inbhir-Nis, 1953.)
Earhaom Mach Maii'cana
Chan ’eil moran an Comunn na h-Oigridh an
diugh d ’an aithne ainm Eachainn MhicDhughaill,
oir is bras a dh ’fhasas an oigridh suas. Ach fad
aireamh bhliadhnachan bha Eachann muirneach
aig an oigridh agus e air an ceann mar ‘ ‘ Athair ’ ’
agus a’ sgriobhadh “Litir Eachainn” dhaibh
gach mios anns a ’ mhiosachan seo. Tha sinn a ’
cur cloich air a charn.
Laiha ISoalltaimi
Tus a’ Cheitein—Latha Bealltainn—
Samhradh sgeadachadh nan lointean
Tulaichean a’ bruchdadh toraidh,
Aoibh is sonas air gach seorsa;
Ghrian mar bharr eid’ air na raointibh,
Tarbhach, aoibheil tha a comhdhail;
Cur brat uaine air na sleibhtibh,
’S a’ cuideachadh le feur gu domhlach’.
Luiseanan bho ’n uir air dusgadh,
’S bolganan de ’n driuchd ’gan armadh,
Trusgan oirdhearc air na bruachaibh—
De neoinean nan cluasan dearg-gheal—
Sobhraichean is feada-coille
Cur ailleachd air gach doire garbhlaich,
Mil is bainne air an achadh,
Tighinn o ’n talamh ’n com na seamraig.
Fo cheannsal anail nan gaoth tlath,
Bha choill tha cairdeil, ’s i ri dannsadh,
Geugan a’ pogadh cach-a-cheile,
’S iad gu leir ’nan eideadh annsail;
Meoir fo bhlath gu barr nan crannaibh,
Gu h-urar, failleanach, greannar,
Cruthachadh nan cnu ’s nan mogail,
Bhios ’gam pronnadh oidhche shamhna.
An uiseag ’s an smebrach fhonnmhor,
A’ seideadh trompaid na maidne,
Is coin bhreac-bhallach nan coilltean,
Seinn gu h-aoibhneach air gach gagan;
Inneal-ciuil am barr gach craoibhe,
Gobain adhairc ’s ribheid fhallain,
Muineal reidh air nach bi tuchadh,
’S deagh chluais-chiuil mar stiuir air anail.
Seo an latha ’s fhiach bhith luaidh air,
’S anail nuadh dol anns gach creutair,
Laoigh a ’ beiceadh air an fhireach,
’S uain a’ mireadh air na sleibhtibh;
Eunlaith mhonaidh, le’n guir oga—
’N ait bhith smbgail faic air sgeith iad,
’S cuileagan bha lag ’s a’ gheamhradh
Nis a’ danns’ an gath na greine.
Biolair uaine ’m bun gach fuarain,
Biadh an ruadh-bhuic is na h-earbaig,
Suas gu braigh nam beann as airde,
Samhradh aigh air faighinn sealbh orr’.
Tha air glaic, air lag/is comhnard,
Deise bhoidheach gun aon chearb orr’.
’S ribhinn ard nan speur ’na h-abhaist
Fadadh blaths ’s gach ait gun dearmad.
Calum Caimbeul MacPhaii.
(Nach maireann).
— 20 —