Skip to main content

‹‹‹ prev (79) Aireamh 5, SupplementAireamh 5, SupplementGaidheal Og

(81) next ››› Page 19Page 19

(80) Page 18 -
AN GAIDHEAL OG
bothan beag. Cha robh anns a’ bhothan ach
seann chailleach, agus ghabh i eagal mor
an uair a nochd e a staigh aice.
"Car son a thainig thu an seo agus cait
a bheil thu a’ dol? ” arsa ise.
"Tha mi a’ dol chun na banrigh leis an litir
seo, ach chaidh mi air seachran, agus bhithinn
gu mor ’nur coqiain nan toireadh sibh cuid na
h-oidhche dhomh."
"Tha thu gle mhi-shealbhach,’’ arsa a’
chailleach, ‘ ‘oir is e seo bothan luchd-reubainn,
agus, ma thilleas iad dhachaigh agus thusa
fhathast an seo, cha bu mhath learn a bhith
’nad bhrogan."
‘ ‘Tha mi cho sgith, ’ ’ arsa am balach, ‘ ‘agus
nach urrainn dhomh dol ceum na’s fhaide,
agus feumaidh mi fuireach an seo, ciod air bith
a dh ’eireas domh. ’ ’
Mar sin, chuir e an litir air a’ bhord, shin e e
fhein air a’ bheingidh, agus thuit e ’na chadal.
An uair a thill na fir-reubainn dhachaigh
agus a chunnaic iad e, dh’fhoighnich iad de’n
chaillich co e. "Chaill e an rathad ceart,’’
arsa ise, ‘‘agus e air turus le litir chun na
banrigh, agus ghabh mise truas dheth.’’
Dh’fhosgail na fir-reubainn an litir agus
leugh iad na bha sgriobhte innte, agus bha an
ceann-iuil aca gle fheargach an uair a thuigean
teachdaireachd a bha anns an litir. Chuir e an
litir anns an teine agus sgriobh e litir ur, agus
anns an litir thug e ordugh do’n bhanrigh a’
bhan-phrionnsa a phosadh ris a bhalach seo cho
luath agus a ruigeadh e.
Anns a’ mhadainn thug na fir-reubainn an
litir do’n bhalach agus sheol iad dha an rathad
ceart gu palais na banrigh. Cha b ’fhada a bha
e a’ ruigheachd na banrigh, agus cho luath is a
leugh ise an litir dh ’ullaich i air son na bainnse,
agus, o’n bha am balach ’na ghille eireachdail
agus a’ bhan-phrionnsa gle dhleasdanach, cha
b ’fhada gus an robh iad posda.
An ceann uine thill an righ dhachaigh agus
chunnaic e gu robh am balach agus an nighean
aige fhein a nis posda, a dh’aindeoin gach
oidhirp is innleachd a rinn e fhein gu bacadh a
chur orra. Cha robh fcis aige gus an d’fhios-
raich e ciamar a thachair gnothaichean mar a
thachair iad. "A cheile chaoimh,’’ arsa a’
bhanrigh, ‘‘seo an litir agad fhein anns an tug
thu ordugh dhomhsa an nighean againn a
phosadh ri fear-giulain na litreach, am balach
seo.’’ Sheall an righ air an litir. "Chan i seo
an litir a sgriobh mise,’’ arsa esan, agus
cheasnaich e am balach mu’n litir a thug e
dha. "Chan aithne dhomh,’’ arsa am balach;
"mur i seo an litir a thug sibhse dhomh, is
fheudar gun do ghoideadh bhuam i agus mi
’nam chadal.’’
Dh’fhas an righ feargach agus thubhairt e,
* ‘Chan fhaigh fear sam bith an nighean agamsa
ach fear a theid sios do’n uaimh iongantaich
agus a bheir chugamsa tri gaoisdeanan oir a
feusaig an fhamhair a tha an sin. Dean seo,
agus bidh mo chead-sa agad mo nighean-sa
a ghabhail mar bhean-phosda. ’ ’
"Cba bhi mise fada a’ deanamh sin,’’ arsa
am balach, agus thog e air.
Aig a’ cheud bhaile d’an tainig e, chuir an
luchd-faire stad air agus dh’fhoighnich iad
dheth ciod a bu cheaird dha agus ciod a b’aithne
dha. "Is aithne dhomhsa a h-uile cail,’’ arsa
esan. "Ma’s aithne.’’ arsa iadsan, "is tusa:
an dearbh dhuine a tha sinne a’ sireadh. Bi
cho math agus innse dhuinn car son a tha an
tobar anns a’ bhaile seo air fas tioram agus gun
aon bhoinne uisge a’ tighinn as. Innis dhuinn
ciod as aobhar dha sin agus bheir sinn dhuit
da asail luchdaichte le or.’’
"Le m’uile chridhe,’’ arsa am balach,
"innsidh mi sin dhuibh air mo thilleadh.’’
Ghabh e air aghaidh agus thainig e gu baile
eile, agus an sin mar an ceudna dh’fhoighnich
an luchd-faire dheth ciod a bu cheaird dha
agus ciod a thuigeadh e. "Tuigidh mise a
h-uile cail,’’ arsa esan. "Seadh, ma tha,’’
arsa iadsan; "innis dhuinn car son nach 'eil
fiu aon duilleag air craoibh a tha an seo air am
b ’abhaist iibhlan oir a bhith a h-uile bliadhna. ’ ’
"Is mise a dh’innseas sin dhuibh gu deonach
air mo thilleadh, ’ ’ arsa esan.
Mu dheireadh rainig am balach taobh loch
mhoir, agus dh’fheumadh e faighinn a null
air an loch a bha an seo. Dh’ fhoighnich am
fear-aiseig dheth ciod a bu cheaird dha agus
ciod a b’aithne dha. "Is aithne dhomhsa a
h-uile cail,’’ arsa esan. “Ma’s aithne,’’ arsa
am fear-aiseig, "innis thusa dhomhsa car son
a tha agamsa ri bith gu brath ag aiseag dhaoine
thar an uisge seo agus gun mi ag amas air
saorsa idir. Innis sin dhomh agus bheir mi
mor-dhuais dhuit.’’
"Thoir thusa a null mi,’’ arsa am balach,
"agus innsidh mise dhuit a h-uile cail mu
thimcheall sin air mo thilleadh.’’
An deidh dha a dhol seachad air an loch
thainig e do’n uaimh iongantaich. Bu dorcha
dubhach coltas na h-uamha, ach cha robh am
famhair mor aig an taigh, agus bha seanamhair
an fhamhair ’na suidhe air cathair aig an dorus.
"Ciod as aill leaf?’’ arsa ise.
‘ ‘Tri gaoisdeanan oir a feusaig an fhamhair, ’ ’
arsa esan.
‘ ‘Is mor do chunnart an uair a. thilleas e
dhachaigh,’’ arsa ise, "ach ni mise na’s
urrainn mi air do shon. ’ ’
An sin chruth-atharraich i e gu riochd
seangain agus thubhairt i ris e fhein fhalach
’na cleoca.
"Gle cheart,’’ arsa esan; ach tha a dhlth
orm fios fhaotainn carson a tha tobar a’ bhaile