Skip to main content

‹‹‹ prev (78) Page 36Page 36

(80) next ››› Page 18Page 18

(79) Aireamh 5, Supplement - Gaidheal Og
AN GAIDHEAL OG
MIOSACHAN COMUNN NA H-OIGRIDH
Leabhar VI
AN CEITEIN, 1954
Aireamh 5
Famliiiir \a FcuMiis' Oil1
[Eadar-theangaichte bho Sgeulachdan Ghrimm le T.M.M.)
ANN am baile beag an tir fad as, air chill
nam beann, bha duine bochd a’ gabhail
comhnaidh, agus rugadh mac dha. A
nis, rugadh an leanabh seo fo Reult an Fhortain,
agus mar sin thubhairt muinntir an aite gur e
leanabh sealbhach a bha ann agus gu robh e an
dan dha nighean an righ a phosadh an uair a
ruigeadh e ceithir bliadhna deug a dh’aois.
Goirid as deidh breith an leinibh seo, thachair
do’n righ tighinn air chuairt do’n aite, agus e
an comhdach coigrich a chum is nach aithnichte
co e. Thadhail e a staigh anns a’ cheardaich
agus dh’fhoighnich e de’n ghobha an robh
naidheachd annasach sam bith a’ dol am
measg an t-sluaigh.
“Tha naidheachd mhath againn,” fhreagair
na bha a staigh. ‘ ‘ Tha ar caraid, am Brocair,
shios an ath-shraid, gle shubhach, agus is ann
aige a tha aobhar a bhith sona, da-riribh.
Rugadh leanabh mic dha, agus tha nafiosaichean
ag radh gu bheil e an dan do’n leanabh seo
nighean an righ uasail againn a phosadh. ’ ’
Cha do chord seo idir, idir ris an righ, agus
is ann a chaidh e direach gu parantan an
leinibh agus dh ’fhoighnich e dhiubh an reiceadh
iad an leanabh ris. “Cha reic,’’ arsa iadsan,
ach ghuidh is dh’iarr an coigreach cho dian is
cho durachdach agus gheall e a leithid de
airgead dhaibh agus mu dheireadh gun do
gheill iad agus reic iad an leanabh ris (agus gun
fhios aca gur e an righ a bha ann). “ Is e leanabh
sealbhach a tha ann,’’ arsa iadsan, “agus mar
sin chan eagal da; agus chan ’eil sinne ach
bochd agus feum againn air an airgead. ’ ’
Ghabh an righ an leanabh agus chuir e am
bocsa e agus mharcaich e air falbh leis, ach, an
uair a thainig e gu abhainn a bha an siud,
thilg e am bocsa anns an uisge agus thubhairt
e ris fhein, “Cha phos am fear ud an nighean
agamsa gu brath! ’ ’
Ach is ann a shnamh am bocsa sios air uachdar
an uisge agus cha d’rainig fiu aon bhoinne
uisge air an leanabh agus, mu dheireadh, mu
dha mhile bho phriomh-bhaile na duthcha,
stad am bocsa aig muileann a bha an sin ri
taobh na h-aibhne. Chunnaic am muillear
am bocsa agus tharraing e a staigh gu bruach na
h-aibhne e agus dh’fhosgail e e, agus e an diiil
gur e or a bhiodh ’na bhroinn, ach gu de a
chunnaic e an uair a dh’fhosgail e am bocsa
ach balachan beag aoigheil.
A nis cha robh duine cloinne aig a’ mhuillear
agus a bhean, agus rinn iad mor-ghairdeachas
ris an leanabh. “Is e Ni Maith fhein a chuir
d’ar n-ionnsaigh e,’’ arsa iadsan. Bha iad
coibhneil ris, agus dh’altruim iad e, agus thog
iad suas e le curam agus le gradh.
Chaidh mu thri bliadhna deug seachad, agus
la a bha an seo thachair do’n righ tighinh do’n
mhuileann. Chunnaic e am balach agus
dh’fhoighnich e de’n mhuillear am b’e seo a
mhac. ‘ ‘Chan e, ’ ’ arsa am muillear. ‘ ‘ Fhuair
mi e ann am bocsa a bha a’ snamh air an
abhainn. ’ ’ ‘ ‘Gu de cho fada bho ’n fhuair thu
e?’’ arsa an righ. “Mu thri bliadhna deug,’’
arsa am muillear. “Is e balach eireachdail a
tha ann,’’ arsa an righ; “an leig thu learn a
chur le litir a dh’ionnsaigh na banrigh? Bheir
sin toileachadh mor dhomhsa, agus bheir mi da
bhonn oir dha air son a shaothrach. ’’ “Dean-
adh bhur Morachd mar as aill leibh, ’ ’ arsa am
muillear.
A nis, bha an deagh amharus aig an rig;h
gum b’e seo am balach a dh’fheuch e fhein
ri bhathadh. Mar sin sgriobh e htir a chum na
banrigh, agus anns an litir thubhairt e, “Cho
luath agus a ruigeas fear-giulain na litreach
seo thu, thoir ordugh seachad a mharbhadh agus
a adhlac, a chum is gum bi gach ni seachad
mus till mise dhachaigh. ’ ’
Dh’fhalbh am balach leis an litir, agus gun
fhios aige ciod a bha anns an litir. Ach chaidh
e air iomrall bho’n t-slighe agus anns an
fheasgar rainig e coille dhorcha. An dixbhradh
an fheasgair chunnaic e solus astar math
bhuaithe agus rinn e direach air agus rainig e
17 —