Skip to main content

‹‹‹ prev (62) Page 28Page 28

(64) next ››› Page 14Page 14

(63) Aireamh 4, Supplement - Gaidheal Og
AN GAIDHEAL OG
MIOSAGHAN COMUNN NA H-OIGRIDH
Leabhar VI
AN GIBLEAN, 1954
Aireamh 4
An t-Ias^air Ami*. A Bliean
(Eadar-theangaichte bho Sgeulachdan Ghrimm le T.M.M.)
UAIR de’n t-saoghal bha an siud iasgair
agus bha e fhein agus a bhean a’
gabhail cbmhnaidh ann am bothan beag
ri taobh a’ chladaich. Bhiodh an t-iasgair a
mach ag iasgach a h-uile la bho mhoch gu
dubh.
La a bha an seo, agus e ’na shuidhe aig oir
a’ chladaich agus an t-slat-iasgaich ’na
laimh, agus e ag amharc air na tuinn bheaga
lainnireach agus a’ cumail siila air an
driamlaich aige, nach ann a mhothich e rud-
eigin a’ griobadh air an dubhan, agus an sin
thug e an draghadh ud air an driamlaich agus
gu de a bha aige ach iasg mor mor!
Ach is ann a thubhairt an t-iasg ris, “Leig
as mi, ma’s e do thoil e. Chan e iasg nadurra
a tha annamsa idir. Is mise prionnsa fo
gheasaibh. Cuir a rithist anns an uisge mi,
agus leig learn falbh.”
“Seadh, seadh! ” arsa an t-iasgair, “cha
ruig thu a leas a bhith cho bruidhneaeh! Cha
bhi cuid no gnothach agamsa ri iasg as
urrainn labhairt mar gum b’e duine a bhiodh
ann. Thoir ort! Snamh air falbh cho luath
is a rinn thu riamh ! ’ ’
Chuir e an t-iasg air ais anns an uisge, agus
shnamh an t-iasg air falbh gu grunnd a’
chuain, agus sruth fala as a dh^idh.
An uair a ehaidh an t-iasgair dhachaigh
feasgar do’n bhothan bheag bhochd aige,
dh’innis e d’a mhnaoi' mar a thachair, agus
gun d’rug e air iasg m6r, agus gun dubhairt
an t-iasg ris gum b’e prionnsa fo gheasaibh a
bha ann, agus mar sin gun do leig e as e.
“An d’iarr thu dad sam bith air idir?’’ arsa
a bhean.
“Cha d’iarr,’’ arsa esan; “ciod a
dh’iarrainn?’’
“Is math a tha fhios agad cho truagh is a
tha sinn anns a’ bhothan shuarach seo. Each
thusa air t’ais agus abair ris an iasg gur miann
leinn taigh beag comhfhurtail a bhith againn.”
Cha robh an t-iasgair ro-dhe6nach seo a
dheanamh, ach, a dh’aindeoin sin, chaidh e
sios do’n chladach, agus sheas e aig oir na
mara agus ghlaodh e :
Fhir na mara, nach &sd thu rium!
’S e miann mo mhnatha gun toir thu dhuinn
Sochair no tiodhlac no cobhair gu luath.
Shnamh an t-iasg a staigh far an robh e
agus thubhairt e, “Seadh, ma tha, ciod as
aill le do mhnaoi?’’
“Thubhairt i gu robh cbir agam rud-eigin
iarraidh ort mus do leig mi as thu, agus is e
a miann gum biodh taigh beag comhfhurtail
againn, oir chan ’eil am bothan anns a bheil
sinn ach truagh.”
“Gle cheart,” arsa an t-iasg; “rach thusa
dhachaigh, agus chi thu a’ bhean agad cheana
anns an taigh bheag chomhfhurtail a tha i a’
miannachadh. ”
Thill an t-iasgair dhachaigh, agus nach ann
a bha a bhean ’ga fheitheamh, agus i ’na
seasamh aig dorus taigh bhig mhaisich
chomhfhurtail.
“Greas ort! Thig a steach!” dh’eigh i.
“Nach e seo as fhearr gu mor na am bothan
beag bochd a bha againn roimhe?
Agus bha seomar-cadail anns an taigh, agus
seomar-suidhe, agus cidsin; agus air ciil an
taighe bha garradh beag agus gach sebrsa
bhlathan is mheasan a’ fks ann; agus air
taobh a muigh a’ gharraidh bha cearcan is
tunnagan.
“Nach sinne a bhios sona anns an taigh
seo! ’ ’ arsa an t-iasgair.
“Feuchaidh sinn ri bhith sona, co-dhiubh,”
arsa a bhean.
Bha iad sona gu leoir fad seachdain no dha,
agus chaidh gach ni air aghaidh gu reidh
doigheil, ach la a bha an seo nach ann a
thubhairt Iseabail, bean an iasgair, r’a ceile,
“A laochain, nach ’eil fhios agad gu bheil an