Skip to main content

‹‹‹ prev (61) Page 27Page 27

(63) next ››› Aireamh 4, SupplementAireamh 4, SupplementGaidheal Og

(62) Page 28 -
thu-sa riamh mo bheart. Shalaich thu-sa
riamh mo thigh. Falbh!
Morag Mhor—Nach maith gu m6r team fttein
nach tii-sa m’ athair. (Ris na saighdearan)
Ciod 6 tha sibh-se a’ deanamh an so?-
Cha bu choir dhuibh a bhith aig an tigh so.
An e droch pbair a tha ’n ur riin ?
An Ceud Shaighdear—Falbh thu-sa as a’ so,
a chaileag. Chan &ite so gu seanchas a
labhairt. Gheibh sinn thu-sa an deidh
so. Is mithich dhuit air an am do chasan a
thoirt teat. Falbh!
Morag Mhor (a’ coimhead mu ’n cuairt dhi)—
Tha barrachd agus fichead saighdear an so.
Ciod e tha so a’ ciallachadh? O! O! Ciod
e . . . . ?
[Cuiridh saighdear a lamh
. air beul M or aig Moire, agus
glacaidh saighdear eile i.
Cuirear glas-ghuib air a beul,
ceanglair i le buill, agus
tilgidh iad air an talamh i.]
An Ceud Shaighdear—Sin i a nis aice!
An Darna Saighdear (gu h-drd)—Tha iad a’
gluasad a stigh. Tha iad a' tighinn a mach.
Rachaibh a steach agus cuiribh as doibh gu
leir.
Silis Bhaile Uir an T-Sleibhe—Chuir na
beistean as do mhuinntear an tighe gu leir. 0!
Bha e ro uamhasach—ro ro uamhasach. Bha mi
fhein air mo cheangladh, agus bha mi air mo
thiigeil air an talamh. Fad tri no ceithir uairean
de iiine bha na saighdearan a ’falbh’s a ’ tighinn.
Uaireannan chaidh iad a steach anns an tigh
—uaireannan ghabh iad seachad. Uairean-
nean ghabh iad shim annam-sa; uaireannan cha
do ghabh. An sin dh’ fhalbh iad. Thdinig
Calum cas-ruisgte, a’ gul agus a’ caoineadh,
a nuas air a’ cheum.
[Thig Calum as an dorchadas.
Tha e a’ gul gu trom.]
Calum—A Dhe! A Righ! A Dhe! O! A
Righ! A Dhe!
[Tha boirionnach air an
talamh a’ gluasad. Is i so
Silis. Tha i air a ceangladh
gu teann. Theid Calum do a
h-ionnsuigh.]
Co i so ? An tu-sa a tha ann, a Shilis ?
Silis (ag osannaich gu trom)—C6 e so ?
Calum—Mise—Calum.
Silis (a h-aghaidh ris an talamh)—Ciod e tha
uait ?
Calum—A bheil thu air do leonadh ?
Silis—Tha mi air mo cheangladh.
Calum—A bheil thu a’ basachadh?
Silis—Tha eagal orm gu bheil. C’ ait’ a bheil
iad uile? Chan ’eil mi a’ cluxnntinn dad.
Cuir as domh,
[Thig Iain Dubh as an
dorchadas. Teichidh Calum.]
Iain Dubh—Co i sin a bha a’ labhairt ?
Silis—Mise—cuir as domh.
Iain Dubh—C’ ait’ a bheil Morag Mh6r ? Nach
’eil ise an so.
[Amhaircidh Iain Dubh air
boirionnach eile ’n a sineadh
air an talamh.]
An tu-sa an so, a Mhorag Mhor?
[Breabaidh e le a chois i;
bheir e a’ ghlas-ghuib de a
beul.]
Morag Mhor (ag osannaich, agus a’ labhairt le
guth fann, briste)—C6 e sin ? Cuir as domh.
Iain Dubh—C’ ait’ a bheil an iuchair? C’ ait
a bheil iuchair an tighe? C’ ait’ an do chuir
thu i ?
Morag Mhor—A shlaightir! Is mor am beud
gu bheil thu-sa beo.
Iain Dubh—Cum do theanga shalach, a
striopach ghrannda. C’ ait’ a bheil an
iuchair ?
Morag Mhor—Anns an abhainn. Bu mhaith
team gum biodh thus’ ann cuideachd, a
shlaightir ghrannda, thu fhein.
Iain Dubh—C’ ait’ a bheil mo bhiodag? Bha
i agam-sa an ceartair.
[Amhaircidh Iain Dubh mu ’n
cuairt dha air son a bhiodaige:
chan fhaigh e i, ach togaidh
e sean chlaidheamh a nuas
bho an talamh.]
Ni so a’ chuis cho maith.
[Tha Iain Dubh a’ togail a’
chlaidheimh an dird air son
Mdrag Mhdr a bhualadh, an
uair thig an ceud shaighdear
do a ionnsuigh.]
An Ceud Shaighdear—A Iain Duibh, a
chealgair, tha an spreidh air chall. Dh’
fhalbh iad gu leir oirnn. C’ &it’ a bheil
iad?
Iain Dubh—Chan ’eil ciil a dh’ fhios agam-sa.
An Ceud Shaighdear—Tha thu 'n ad dhubh
bhreugaire, a Iain Duibh. Tha thu ’g an
ceiltinn oirnn. Falbh agus faigh iad, air
neo cuiridh mi as duit, an so. Falbh.
[Theid Iain Dubh agus an
saighdear air falbh. Tha Iain
Dubh a’ mionnachadh le
feirg.]
Silis Bhaile Uir an T-Sleibhe—Uair no a
dhd an deidh sin, an uair bha glasadh na maidne