Skip to main content

‹‹‹ prev (104) Page 96Page 96

(106) next ››› Page 98Page 98

(105) Earrann 7, Treas Mìos an Earraich, 1922 -
AN DEO-GREINE
Treas Mios an Earraich, 1922. [Earrann 7.
Leabhar XVI I.J
CLAR-INNSIDH.
Page.
Dleasannas na Gaidhealtachd aig an Am, ... 97
History in Lowland Place-names, 99
Sgeulachdan Mac-meanmnaich airson Cloinne, 102
The Irish, 104
Leannan mo ghaoil, Mairi bhoidheach, ... 105
From the Book of the Dean of Lismore, ... 105
The Teaching of Gaelic in Schools, 107
Secretary’s Page, 108
Executive Council, 109
Dr. William MacKay on Gaelic, 110
Branch Reports, Ill
DLEASANNAS NA GAIDHEALTACHD
AIG AN AM.
Is gnothuch cudthromach a tha ri
aghaidh nan Gaidheal air a mhios seo.
Tha taghadh r’a dheanamh air feadh na
tire a chum gun cuirear air leth cuideachd
ris an earbar foghlum chloinne anns na
sgoilean. A reir an Achd (1918) bidh e mar
fhiachaibh orra ullachadh a dheanamh a
thaobh teagasg na Gkidhlig, gu h-araidh far
an iarrar sin, agus tha mi an dochas nach bi
parantan an deidh laimhe anns a’ chuis.
Cluinnear na h-uiread de lethsgeulan o
bheul luchd-tagraidh a bhios a feuchainn ri
dhearbhadh gu bheil an clar-ionnsachaidh
anhs na sgoilean air a luchdachadh mar tha
le nithean nach gabh cur an dara taobh a
reir am beachd-san. Na creid lideadh de’n
t-se6rsa. Ma tha an long luchdaichte ro
throm, tha e furasda earrann de na bhathar
a thilgeadh thar na cliathach gun dochann
’sam bith do’n chloinn. Is iomadh rud gun
fheum a thatar a sparradh air cloinn an
diugh, mar nach gabhadh na rudan sin
seachnadh a chum an inntinn a gheurachadh,
agus mar nach biodh comas an Gaidhlig a
chum na crlche sin.
* * *
Ciod e am feum a ni criomagan neo-iomlan
de chknainean mar tha Frangais, Laidionn is
canainean eile do’n chuid as llonmhoire de
chloinn na tire an 1& dh’fhkgas iad an sgoil,
agus a dh’fheumas iad an aire a thoirt do
nithean as freagarraiche do’n crannchur agus
do’n gne? Chan eil moran sta ann am
beagan eolais air cknainean coimheach, mur
bheil aig neach san amharc gu bhi ’na
mhinisteir no ’na mhaighstir-sgoile. Tha
a’ Ghkidhlig cho eifeachdach ri canainean
eile a chum an inntmn a bheathachadh.
B’i a’ Ghaidhlig canain na h-Albann aig
aon dm gus an d’fhuair an t-Sags-Beurla
lamh an uachdar, agus ged nach ruigear a
leas a bhi an duil gun tuit a’ bheurla-ghallda
o’n inbhe aig a bheil i an diugh an Albainn,
chan aobhar sin gum bksaicheadh a’
Ghaidhlig. Chan eagal do’n Bheurla, ged
tha cuid de Ghaidheil cho socharach agus gu
bheil iad a’ creidsinn a chaochladh. Cha
chuir eblas air Gaidhlig grabadh sam- bith an
rathad na Beurla. Tha e a’ cur iongantais
air a’ chuid as foghluimte de na Goill fein,
cho suarach is a tha m6ran de na Gkidheil
air an cainnt mhathrail.
* * *
Aig coinneamh araidh an Inbhir-nis, o
chionn ghoirid, thuirt Camshronach
Lochiall gu bheil a’ Ghkidhlig na’s measaile
an cuid de bhailtean an Sasunn, is air an
taobh deas, an Canada agus an Africa mu