Skip to main content

‹‹‹ prev (309) Page 77Page 77

(311) next ››› Page 79Page 79

(310) Page 78 -
siorrachd loilar-Air. Oha robh Gaidhlig aig
mo pharantan no aig duine eile a bha dluth an
daimh dhomhsa, cho fads a tha fios agam.
Ach, o’n a bha mi daonnan dheidheil air
gach ni Albannaich, co dhiubh a bhuineas e
do ’n Gaidhealtachd no do’n Galldachd, no do
Alba air fad, bha e car tamailteach dhomh
nach robh facal no dha de Gaidhlig agam.
Air an aobhar sin, chuir mi romham gum
bitheadh mi ’ga ionhsachadh.
Thoisich mi air an obair sin o chionn tri
bliadhna, ged nach robh agam ach uair no dha
’san seachduinn sin a dheanamh.
Aig an am sin, bha mi ’fuireach ann an
Sasunn a Deas ; gu dearbh, chan eil moran
Gaidhlig ’san aite sin! Bha mi tuilleadh is
fhada o Lunnain air son dol an sin gu na
clasaichean an deidh dhomh m’ obair
crioChnachadh ; cha robh ach aon Albannach
eile ’san aite far an robh mi, agus esan gun
Ghaidhlig.
A dh’andheoin sin, thbisich mi le
leabhrichean gramadaich, leabhraichean-
leughadh air son na cloinn, is leth-bhreac an
Tiomnaidh Nuaidh le Gaidhlig air an aon
taobh-duilleag, agus Beurla air am fear eile.
Uidh air nuidh bha mi a’ fas na b’fhearr gus
an robh mi a leughadh gun a bhi coimhead air
briathradair, agus a nis tha mi comasach air
leughadh leabhar Gaidhlig sam bith a chuireas
duine mu ’m choinneamh.
Cha b’urrainn dhomh eisdeachd ri luchd-na-
Gaidhlig, oir bha mi tuilleadh is fhada bho
Alba a bhi ’cluinntinn Gaidhlig air an radio.
Sin an doigh anns an deachaidh mi thairis
air an gnothuich sin. Chuireadh mi mo
Ghaidhlig fhein air an inneal-fuaim-
sgriobhadh (no “tape-recorder”) agus bha
deagh charaid agam ann an Glascho, seann
duine coir a rugadh’s a thogadh faisg air
Inbhir-Nis, a bhiodh , a’ ceartachadh na
mearachdain a rinn mi, agus ag cur a Ghaidhlig
fh&n air an “teip,” agus Gaidhlig a fhuair e
air an Bh.B.C. na h-Alba. Gu dearbh, tha mi
fada na chomain, agus cha di-chuimhnich mi
riamh an Gaidheal gasda sin, aig an robh
moran speis do a chanain fhein ; ma bhiodh
moran de a sheorsa ann, cha bhiodh a’
Ghaidhlig anns an droch staid ’s a tha i ann a
shiorraehd fhein ’san taobh-an-ear na
Gaidhealtachd. Bha mi fas na bu fileanta
gach seachduinn, gus mu dheireadh bha e ’gam
thuigsinh gun dragh sam bith.
Chan eil annam duine na’s tapaidhe na ’n
cuid as mo de dhaoine eile. Cha do rinn mi
’san sgoil ach meadhonach. Chan eil mi nam
bhall nan ealdhainean-fhoghluimte, ach a
mhain duine cumanta is deidheil air mo
dhuthcha fhein, ’s do gach ni a bhuineas dhi.
Ma bhios duine dhe’m shebrsa comasach air
Gaidhlig ionnsachadh ann an Sasunn, anns an
dbigh dhoirbh a rinn mi, chan eil leisgeul sam
bith aig daoine eile, a tha ’fuireach fad am.
beatha anns an Alba, gum bheil Gaidhlig ro,
dhoirbh iadsan a bhi ’ga ionnsachadh. Eadar
da sgeul, tha mi a nis dk fichead ’s a dha
bhliadhna a dh’aois, ’us cha robh facal
Gaidhlig agam .gus an robh mi fhichead ’s a
naoi deug.
Ach tha mo ghearan a’ tighinn a nis.
Thill mi gu Alba aig toisich am bliadhna so,
agus bha mi lan dbchas gum biodh cothrom
agam cleachdadh fhaotainn air comhradh, rud'
nach b’urrainn dhomh far an robh mi.
Leis an smuain sin ’nam cheann, chaidh mi
gu ceilidhean, is coinneamhan is do aiteachan
eile dhe’n seorsa, ag iarraidh daoine a bhiodh
toilichte cuideachadh a thoirt dhomh. Ged. a
bhiodh duine an sud ’s an so a’.bruidhinn rium
air son mionaid no dha (agus tha mi fada ’n
an comain air a shon sin) cha d’fhuair mi
moran brosnachadh idir.
B’fheudar dhomh faighinn a mach duine air
mo shon fein ; duine gasda a rugadh anns na
Hearadh, agus is lan a chinn de Gh&idhlig
aige mar is abhaist do muinntir an eilean so.
Ach ’s e duine gle thrang a th’ann, gun moran
tide aige. Ach, co dhiubh, tha e a deapamh
a dhichioll air mo shon, ged nach . eil e ’na
bhall ’san Comunn.
Nuair a ruigeas duine an aite far am bheil
mise le Gaidhlig, ’s e cleachdadh a mhain an
dbigh a bhios ’ga leasachadh. ’S e sin a dbigh
na ’s freagraiche an canain a ehur nam cheann.
De am feum idir dhomhsa, no duine eile,
Gaidhlig ionnsachadh mur bith an Gaidheal
fhein dheidheil, beagan uine a chuir seachad
’gam chuidea»ihadh? Chan urrapin dhomh
dhol do’n Gaidhealtachd ach a mhain air mo
^haor-laithean.
De am feum idir a bhi a’ glaodh ard-an-
claigionn nach eil daoine a’ toirt moran speis
do’n Gaidhlig, gun a bhi deanamh dad mu
dheidhinn. An e cebl a mhain a bhios a
faighinn aite anns an Comunn, no> CANAIN
cuideachd. Gun canain, cha dean an cebl feum
sam bith idir. Chan eil dad agam an
aghaidh cebl ; bi e ag cbrdadh gu math riupi,
ach ma bhios sinn an dbchas a bhi.cumail suas
a’ Ghaidhlig, cha dean cebl a mhain an
gnothuich.
Ma bhios' luchd-na-Gaidhlig ag • cumail an
Gaidhlig leo fhein, chums a bhi seinn inntb a
mhain, ’s e sin an dbigh na ’s fhebrr a chuif
mi-mhisneach air fear-ionnsachaidh, oir !cha
chluinneas mi i ach gann air bilean an t-sluagh.
Their iad gum bheil iomadh duine a’, tighinn
gu ceilidhean aig nach eil Gkidhlig sam bith.
Tha iad a dol an sin air son na brain. Gle
mhath. Their duine eile gum bheil iomadh
neach a dol ann, air son an spdis a bhibs aca
air a’ Ghbidhlig, ged nach eil Gkidhlig aca.