Skip to main content

‹‹‹ prev (308) Page 76Page 76

(310) next ››› Page 78Page 78

(309) Page 77 -
i. M.—Seadh. Agus a bheil thu cumail
mar an stoc?
R.Gr.—Tha mi a’ cumail cliaorach.
F.M.—Agus a bheil thu a’ cumail cruidh?
R.G.—Chan eil. Chan eil mi a’ cumail ach
caoraich.
F.M.—Agus cia mheud caora a th’agad.
R.G.—Tha mu dheich air fhichead.
F.M.—Gle mhath. Agus a bheil. an siol-cura
tha seo—an siol uachdrach mar a theirear
ris—a bheil thu ris an obair sin?
R.G.—0 tha.
F.M.—’S a bheil a' dol gu math leat?
R.G.—0 tha an ath-churachd seo a’ deanamh
gle mhath. ’S e am baile tha ’ga
obreachadh agus tha e a’ deanamh feum
mor dhan a’ bhaile. Tha am feur nas fhearr
agus tha na caoraich nas fhearr.
F.M.—Tha connspoid mhor eadar Buidheann
an Orb agus Buidheann na Sgeithe mar a
chitheadh sibh sna paipearan agus on nach
deach fuasgladh air fhathast chan eil math
dhuinn dad a radh. A bharrachd air an Orb
’s air an Sgeith tha Buidheann eile an
Steornabhagh an sas ann an deanamh
aodaich, ach chan e clo mor a th’aca-san idir.
’S e tha iadsan a’ deanamh aodach
bhoireannach agus ga reic ri muinntir nam
fasan air feadh an t-saoghail. Thbisicheadh
an obair seo leis a’ Bhean-uasal Perrins
agus fo a stiuireadh bha Coinneach
Macgilleathain a’ deilbb nan clbithean
annasach seo bho chionn beagan
bhliadhnachan. Nise Choinnich, de an
seorsa clo tha sibh a’ deanamh?
Coinneach Macgilleathain :
Tha sinn a’ deanamh chlbithean de iomadach
seorsa. Tha sinn a’ deanamh feadhainn cho
aotrom ri da unnsa an t-slat agus cho trom
ri naoi unnsachan deug an t-slat.
F.M.—Tha sin nas truime na'n clb Hearacb
fhein.
C.M.—O tha moran. Tha cloimh a’ dol sa’
chuid mhor dhiubh ach tha sinn a’ cur
reidheon (rayon) luirecs (lurex), naileon
(nylon) agus agriolan (acrillan) ann am feum
cuideachd.
F.M.—^Agus cuin a thoisich sibh air an obair
seo ann an Steornabhagh?
C.M.—Thoisich nuair a ghabh na Perrins os
laimh e mu thrl bliadhna air ais.
F.M.—Agus cait a robh sibh a’ reic a’ chib sin?
C.M.—Bha air feadh an t-saoghail—san
Fhraing, an Nirribhidh, san t-Suain, an
Lochlann, an Afraic a Deas, an Canada agus
anns na Staitean Aonaichte. ’S e aodach
bhoireannach a tha sinn a’ reic agus ’s ann
ri Taighean nam Fasan as motha tha sinn
a’ deileigeadb.
(Ri leantainn).
Ag lonnsachadh Gaidhlig
An deidh Mod Dhuneideann bha comhradh
gasda againn an Gaidhlig ri fear a dh’ionnsaich
a’ Ghaidhlig. Aig an am, cha robh fios againn
air ainm an duin-uasail seo, ach chuir e fior
iongnadh oirnn cho fileanta ’s a bha e sa’
Ghaidhlig. Beagan laithean an deidh sin,
fhuair sinn an litir seo bhuaithe agus tha e
a’ toirt mor-thoileachadh dhuinn a cur sa’
Ghaidhcal gun cheartachadh sam bith ach
direach mar a thainig i o laimh. Tha sinn
cinnteach gun toir an litir thaitneach seo
misneach mhor do luchd-ionnsachaidh na
Gaidhlig air feadh na duthcha. Moran taing,
a Mhgr. Neill. Fd.
W. Neill, 21 A.M.O.,
R.A.F. Turnhouse,
Duneideann 6/6/64.
Am Fear-deasachaidh,
An Gaidheal.”
A Mhaighstir MacFhionnghuinn,
Meal bhur naidheachd gum bheil sibh a nis
’nur fear-deasachaidh dhe’n “Gaidheal.”
Thaitinn gu leoir rium an earran a leugh mi
’san aireamh dheireannach mu dheidhinn
“Need Gaelic Die?”
Bha mi toirt fainear do na bha Mghr.
Domhnullach ag radh, agus chan eil teagamh
sam bith gun robh a h-uile facal ceart.
Ach, ma ghabhas sibh mo leisgeul, that rud
no dha agam ri radh air mo shon fhein.
’S e rud gle mhath, ’bhi deanamh an
Gaidhlig na ’s fhasa ionnsachadh, ach eadhon
leis na leabhraichean a tha an diugh, chan eil
i dad na ’s dorra iomsachadh na canain sam
bith eile. Aig a cheart am chan eil mi ag radix
gum bheil i furasda a togail. Chan urainn
do neach air bith canain ionnsachadh gun obair
a bhi aige. “Rud na ’s fhasa ; chan fhiach
a thogail.” ’S fheudar do dhuine saothair
throm ag gabhail ma bhios e ag iarraidh
foghluim sam bith ; ach is mor an toileachas-
inntinn nuair a theid an cumhachd chuige
bhruidhinn anns an canain eile.
De na cnapan-starradh a ’s motha an
aghaidh fir-ionnsachaidh? Innsidh mi dhuibh
iad, a reir mo bharail-sa.
S’e LEISG an darna namhaid ; ’s e
NEO CHURAMACHD am fear eile. Tha
fios agam gum faic sibh nach robh an litir sin
sgriobhte le duine aig an robh Gaidhlig mar
cainnt-mhathaireil, ach tha deagh fios agam
cuideachd gum bi sibh ’gam thuigsinn gun
moran dragh.
Tha mi ’dol a mholadh mi-fhein a nis, agus
tha mi an dbchas gum bith sibh a’ toirt
maitheanas dhomh.
Rugadh mi anns a’ Ghalldachd, ’san
— 77 —