Skip to main content

‹‹‹ prev (307) Page 75Page 75

(309) next ››› Page 77Page 77

(308) Page 76 -
F.M.—Seaclid ceud mile not?
C.I.M.—Seadh. Tha torr airgid air a cliur
sios as a’ chlo aims an eilean seo fhein. Tha
iad a’ cumail a mach gu bheil fiach da
mhuillion not aim am beairtean bia aonar
anns an eilean-sa fbein. Tha sin a’ toirt a
steach na th’aig na breabadairean ann am
beairtean.
F.M.—Nise, ma tha uidhir seo a chib a’ dol a
mach, de tha thu smaoineachadh tha e a’
toirt a steach do Leodhas ann an airgead?
C.I.M.—Tha mi creidsinn, ann an duais an
luchd-obrach, gu bheil e toirt thuca mu
mhuillion not sa’ bhliadhna—’s tha mi
creidsinn gu bheil luach a’ chib fhein mu
thimcheall ceithir muillion.
F.M.—Ceithir muillean not air clb agus
muillean dhe sin a’ tighinn do Leodhas chun
an luchd-obrach anns na muilnean. Tha
Xiall MacGilleathain a Sanndabhig air fear
dhe’n fheadhainn a bha fighe bhon fhior
thoiseach. Thbisich e air an obair ann an
1927 agus ’s iomadh atharrachadh a thainig
on uair sin.
Niall MacGilleathain :
Cha robhas a’ deanamh uidhir a chlbithean
an uair sin agus ’se na seann bheairtean-
laimh a bh’ann. (’ha robh na beairtean a
th’againn an diugh air tighinn dh’an eilean an
uair sin idir. Bha mise ag obair gun mhoran
eile ach sin fhein ’ga dheanamh ach na bha
a dh’obair an cois na croite.
F.M.—Roimh ’n chogadh, de gheibheadh tu
air a’ chib?
X.M.—Airson fhighe—tasdan an t-slat agus
tasdan is sgillinn airson tartain. Tha slat
a’ bhreabadair eadar-dhealaichte bho’n
t-slait a gheibh thu anns a’ bhuth. Tha
ochd troighean ann an slat a’ bhreabadair
agus cha do lorg duine riamh a mach ceart
de mar a thbisich ochd troighean air a bhith
san t-slait seo.
F.M.—Roimh’n chogadh, bhiodh tu a’ faighinn
da not air ceithir fichead slat ’s a coig?
X.M.—Xa bu lugha na da not air clb aig an
fhaid sin.
F.M.—Agus de nise gheibh thu an diugh?
X.M.—Tha barrachd rudan a’ tighinn a
steach anns a’ phaigheadh an diugh—bhon
a thbisich a’ Union—agus gheibh duine an
cumantas timcheall air sia notaichean air
clb sia deug air fhichead a shlatan. Tha
obair a’ chib a’ freagairt gu math air obair
croite. That amannan ann nach eil obair a’
chib cho pailt agus gheibh duine a mach gu
obair na croite, agus tha mi creidsinn gur
fheairrd slainte duine a tha ag obair a stigh
a bhith aig amannan a’ dol a mach a
dh’obair a muigh.
F.M.—Agus cia mheud clb a tha thu a*
deanamh san t-seachdain?
X.M.—Tha dha gu cunbhalach, agus corra
uair, rna bhios gnothaichean trang, a tri.
F.M.—Agus do bu mhotha b’urrainn dhuit a
dheanamh san t-seachdain?
X.M.—Dh’fheumadh duine a bhith uamhasach
dripeil mus deanadh e eadar a tri ’s a ceithir
san t-seachdain.
F.M.—Eadar a tri ’s a ceithir?
X.M.—Seadh. Ach dh’fheumadh duine tbrr
rnbr uairean obrachadh airson sin a
dheanamh. Bhiodh e cus dha: cha
b’urrainn dha leantainn air.
F.M.—Xi am breabadair mar sin dusan not
san t-seachdain gun a bhith ro-thrang agus
tha cothrom aige a’ cliroit obrachadh mar
an ceudna. Chan eil Xiall MacGilleathain
a’ deanamh clb ach clb an Orb, ach tha an
cead fhein aig na breabadairean a thaobh seo.
Tha Ruairidh Greum a Barbhas agus
iomadach breabadair eile ag obair do
bhuidheann sam bith a bheir obair dhaibh—
Orb ann no as. De sebrsa obrach a tha thu
deanamh, a Ruairidh?
lluairidh Greum :
Tha iomadach sebrsa—clb aotrom agus clb
trom.
F.M.—Agus cia mheud clb a ni thu san
t-seachdain?
R.G.—Ni duine tri clbithean san t-seachdain
dbigheil gu lebr.
F.M.—’S a bheil thu deanamh sin san
t-seachdain?
R.G.—Uaireannan a tha ’s uaireannan nach
eil.
F.M.—Tha thu ’gan deanamh dh’an Orb agus
tha thu ’gan deanamh dh’an fheadhainn
nach eil san Orb idir?
R.G.—Tha.
F.M.—An e an aon phaigheadh a th’agad air
a shon?
R.G.—-Tha barrachd again airson a’ chib
mhin.
F.M.—A bheil?
R.G.—Tha. Tha barrachd sheotaichean ann,
mar a chanas sinn, agus tha thu a’ toirt
barrachd tide ris mar sin.
F.M.—Agus de gheibheadh tu bharrachd air
a’ chib mhin?
R.G.—Tha e a reir ’s na bhios ann de
sheotaichean. Ma bhios fichead seot ann,
tha grot agad a bharrachd air an fhear eile.
F.M.—Agus a bheil croit agad a bharrachd
air an obair seo?
R G.—Tha, tha—tha croit agam cuideachd.
F.M.—Agus de mheudachd a th’innte?
R.G.—Seachd acraichean gu leth.