Skip to main content

‹‹‹ prev (306) Page 74Page 74

(308) next ››› Page 76Page 76

(307) Page 75 -
“ Mairi Anna ”
Seisd :—
Thug mi gaol,
gaol tha barrail ;
Gaol nach cnamh
do Mhairi Anna.
Thug mi gaol.
Tha i mar ros
a cbir a’ bhearraidh ;
Tha i mar or,
mar or is glaine.
Thug mi gaol, etc.
Mo ghradh gu luain
air a’ ghruagaich mhilis ;
Dh’an tug mi luaidh
,’s e snuadh is grinne.
Thug mi gaol, etc.
: I fallain mar dhriuchd
an cul nan duilleag ;
’S laghach glan ur
gun smiir geal lurach.
Thug mi gaol, etc.
B’e m’ mhiann i bhi learn
gach uin’ air thalamh ;
’S i thogadh mo shuil
’s mo ghnuis o smalan.
Thug mi gaol, etc.
Mo sp^is gu brach
air high mo chridhe ;
The id mi dh’an lar,
mu fag mi nighean.
Thug mi gaol, etc.
Thug mi gaol,
gaol tha barrail ;
Gaol nach cnamh
do Mhkiri Anna.
Domhnall R. Moireasdan,
Scalpaidh na Hearadh.
Air Mo Chois
Gu robh mis’ air mo. chois Di-ciadain,
direach nuair a bha ghrian ag eirigh,
Gun sgaile a’ claonadh air a h-iomhaigh,
i cur gloir air bian na Ceitein,
Togail nam bileagan anns an fhion-lios,
i cur mais’ air ciar nan sMibhtean,
I. d-ol air. astar tha neo-chriochnaicht’
gach latha is bliadhna mar an ceudna.
Domhnall R. Moireasdan,
Scalpaidh na Hearadh.
Leodhas—a Teachd-an-tir
(Air a leantainn)
An Cli) Mor
Fred MacAmhlaidh :
A nis suil air obair a’ chib mhoir, obair a
tha slor fhas anns a’ chbrr is leth-cheud
bliadhna bho steidhicheadh an toiseach i. Seo
agaibh an eachdraidh bho Chalum Iain
Dbmhnallach a tha nis suas ri 3Q bliadhna
cbmhla ri Buidheann a’ Chib Mhoir no Harris
Tweed Association, mar a chanar riutha sa’
B hernia.
Calum I. Domhnallach :
Chaidh Buidheann a’ Chib Mhoir a chur air
bonn ann an 1908, agus ’s ann an 1909 a fhuair
iad an comharradh (mark), ach an uair sin
’s ann a bha an comharradh airson cfb a
bh’air a dheanamh gu leir leis an laimh. Ach
nuair a thbisich daoine air iarraidh an aona
sebrsa clb a rithist agus a rithist—rud ris an
can iad “repeats”—thkinig orra ann an 1934
an “stamp” atharrachadh gus an ruigeadh e
air clb a bha air a dheanamh anns na muilnean
anns na h-eileanan. ’S ann a’ tighinn air
adhart a tha an clb bhon latha sin. Ann an
1934 chaidh timcheall air ceud mile slat a
stampadh.
F.M.-—Ceud mile slat?
C.I.M.—Seadh, agus bha e ag eirigh on uair
sin gu 1960, nuair a chaidh cbrr is sia
muillion gu leth slat a stampadh.
F.M.—Abair gu robh atharrachadh an sin san
uine sin. Agus cia mheud a nise tha thu
smaoineachadh a tha de dhaoine an sas an
obair a’ chib mhoir an Lebdhas agus anns na
Hearadh san am seo?
C.I.M.—Ann an Lebdhas tha mile gu leth
breabadair air na leabhraichean, ’s tha mi
creidsinn gu bheil timcheall air tri eheud an
eilean na Hearadh do’n aithne fighe. ’S a
bharrachd orra sin, tha feadhainn eile—
fireannaich is boireannaich, mu thimeheall
mile is ceud dhiubh, ag obair anns na
muilnean air feadh n^n eileanan.
F-M.—Agus a nise, co as a tha sibh a’
faighinn an airgid airson na h-pbrach seo.
. Ciamar a tha sibh a’ paigheadh nan
stampairean ’s an luchd-obrach air fad?
C.I.M.—Tha sinn a’ togail tri sgillinn airson
a h-uile slat a tha sinn a’ stampadh, agus
tha sin a’ paigheadh airson nan sanasan-
reic (advertisements) agus duals nan
stampairean agus each a tha ceangailte ris
an obair. Bho thbisicheadh ann an 1934,
chuir Buidheann a’ Chib, seachd ceud mile
ann an sanasan-reic.