Skip to main content

‹‹‹ prev (387) Aireamh 5, SupplementAireamh 5, SupplementGaidheal Og

(389) next ››› Page 19Page 19

(388) Page 18 -
An Gaidheal Og
robh e a’ dol mbran air adhart, agus' bha na
fir a’ sior iarraidh an airgid, ach chumadh
esan riutha nach rpbh airgead aige.
Mu dheireadh, an uair a bha e a’ f&s sgith
a bhith ’ga chumail air ais, thubhairt e : “ Tha
da phaipear deich tasdain agam, agus c6
agaibh a tha ’gan iarraidh?”
Bha an dara fear cho feumach orra ris an
fhear eile, gus cha mh6r nach robh iad ’ga
thoirt as aite-suidhe a’ feuchainn ri am
faighinn. An seo labhair e : “ Gheibh gach
fear agaibh deich tasdain ma sheasas sibh air
beulaibh a’ ghige gus an toir mi as mo phbcaid
e.”
Sheas gaoh fear aig deireadh an eich a’
feitheamh ris an airgead ach fhad agus a bha
iad ’nan seasamh bha e a’ faighinn deas na
cuipe.
“ Seo, ma ta!” ars esan, ach, nuair a shin
iad a maoh an l&mhan, thog e a’ chuip agus
thug e sgal do’n each. Mach a ghabh e agus
thuit na daoine fo na rothan.
Beagan Ikithean an d&dh sin chuala esan gun
robh diuhis-dhaoine air an le6n. Thuig e gur
h-e an fheadhainn a thachair ris fh&n a bh’ann.
Riamh bho an oidhche sin cha tainig an gille
sin a Loch-nam-madadh leis fhein.
M. A. M. fSgoil Phaibil).
Duine Treun
BHO chionn bhliadhnaichean bha duine
laidir a’ fuireach ann an Uibhist. Bha e
cho laidir agus gun deanadh e an gnothach
air sianar dhaoine cumanta.
Bha muinntir na tire ag cantainn ris, nan
deanadh e an gnothach air an uiread seo de
dhaoine, gum faigheadh e poca mine. Shuidhich
iad an latha air son na ciiise, an deidh toirt air
an duine mionnachadh gun tigeadh e air an
latha sin.
Thainig an latha kraidh ud, agus chruinnich
muinntir a’ bhaile a mach chum an raoin, agus
iad a’ misneachadh an duine thr&n.
Chuireadh ’na shineadh air an talamh e agus
dithis dhaoine aig gach cois agus IMmh. Thug
e aon spreadhadh as, agus air dbigh air chor-
eigin bha na fir air a IMmh dheis mu shlat air
falbh. Rug e air gliiin an fhir a bha aig a
chois agus dh’fhkisg e i gus mu dheireadh gum
b’fheudar do’n duine thruagh a ghreim a leigeil
as-.
Fhuair e as co-dhiubh, agus abar thusa gun
robh eigheach agus gkireachdaich am measg
an luchd-coimhid!
Bha an duine Ikidir coma bho na fhuair e am
poca mine, agus tha mi cinnteach nach
deonaicheadh na fir eile a dhol ’na dhkil a
rithisf.
Mina NicDhughaill (Sgoil Phaibil).
\a Ilair€l4iiliai<lli<kala<*li
A Ba Alt line IMiomh
Le IAIN N. MACLEOID
13. Domhnall MacDhomhnaill
IS ann am Barabhas, an Leddhas, a rugadh
Ddmhnall MacDhbmhnaill, no “ Ddmhnall
Chraisgein ” mar a chanadh iad ris, anns
a’ bhliadhna 1861, agus is ann anns an sgire
sin a chuir e seachad a bheatha ri goibhneachd.
Thbisich e ri bardachd an uair a bha e 6g,
agus bha meas mdr air na h-6rain aige air
feadh an eilein gu leir. Bha speis iongantach
aige do obair naduir mun cuairt da. Mar a
bha Donnchadh Bin a’ deanamh luaidh air
ailleachd agus maise Beinn Dbbhrain, mar sin
bha Domhnall a’ seinn mu Mhiiirneag a bha
gach la a’ deanamh freiceadain air a ionad
cbmhnuidh. Is e ” Eilean mo ghaoil, is caomh
learn eilean mo ghraidh ” oran cho taitneach
agus a rinn e, agus tha a ghradh do Eilean
Leddhais is gach liib is coire is earn a tha ann
air a aithris am bardachd shiubhlaich, thaitnich
a tha ag cur seula an deagh bhaird air-san a
rinn i. Fhuair an t-6ran sin a’ cheud duals aig
aon de na Mdid a bha an Glaschu, agus is
trie e air a sheinn aig cuirmean-ciuil air feadh
Leddhais gach bliadhna.
Bha alt iongantach aige air deanamh drain
eibhinn anns nach robh drabastachd no
caineadh, agus is e ” Ddmhnall an Gille ” aon
as eirmisiche de’n ’t-sedrsa sin. Ghuir an
Ddmhnall a bha sin roimhe gum faigheadh e
bean a dhedin no dh’aindeoin, agus cha do stad
e gus an d’fhuair e td. Fhuair an t-dran sin
cuideachd a’ chiad duals aig Mdd a bha an
Glaschu. Bha a drain dibhinn ag call leth
an tlachd an uair nach robh iad air an seinn
leis fhdin. Cha robh fdith ’na chorp nach rohh
e ag cur an cumadh draidh an uair a bha e
’gan seinn, agus shaoileadh tu mar sin gu
robh a aodann gu Idir a’ labhairt nam faclan a
bha e ri seinn.
Fhuair mise deagh edlas air Ddmhnall coir
an uair a bha mi ag cruinneachadh a bhardachd,
ach ged a cha id,h an cur an cld tha an leabhar
sin gld annamh an diugh. Bha edlas farsaing
aige air seann eachdraidh agus seann
chleaohdaidhean an eilein, agus is bochd nach
deachaidh gach fiosrachadh sin a bha aige a
chur air mhaireann a chum gum biodh digridh
an la an diugh ag gabhail suime dhiubh.
Chaochail Ddmhnall MacD.hdmhnaill ann am
Barabhas anns a’ bhliadhna 1916, ach t.hdid a
chuimhne urachadh gach uair a sheinnear
“ Eilean Mo Ghaoil.”
18